Wednesday, 8 February 2017

Aithisg bhliadhnail a' Bhùird: ceum mòr airson aithisgean bliadhnail "às dèidh fìrinne"

Report highlights remarkable growth of GME despite falling GME numbers  



Tha cuango air choireigineach co-cheangailte mas fhìor le leasachadh na Gàidhlig air aithisg bhliadhnail 2015-16 a thoirt seachad (mu dheireadh thall), strapline: a' Fàs na Gàidhlig [sic].


Gilleasbuig: Hmmmm ....




Na broinn, mar gun robh e rò-ordaichte:
"We are seeing increased interest in Gaelic-medium education across the country as well as increased numbers of Gaelic learners".  

"We have continued to directly support early years groups across the country and saw continued high numbers of children entering Gaelic-medium education at Primary 1."
- td10, Brus Robasdan OBE, na dhà dhiubh 



Well a chàirdean, tha e coltach gun robh 95% dhe na prìomh comharraidhean coileanaidh air an coileanadh etc etc ... fhathast nur dùisg?


"... chùm [sic] am Bòrd Stiùiridh agus an luchd-obrach orra a' toirt amasan is targaidean a' Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig gu buil gu soirbheachail".




Completely unaccountably, chan eil guth air a' chrìonadh ann an àireamh P1 GME a rèir figearan a' chuango fhèin, air am faotainn le cuideachadh Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Iongantach!




Gilleasbuig:
Cha nochd càil sam bith mun seo ann am BBC Naidheachdan Gàidhlig, ged a tha naidheachdan fuadain gu leòr acasan!





'San dealachadh, chaidh suil aotrom 'Illeasbuig a ghlacadh le td 66:
Linn ùr airson làithean dheth tinn!










@GilleAotrom



2 comments:

  1. An àite 'amasan' leughaibh 'amadan' ???

    'S dòcha gu bheil feum air cathraiche leithid An Cathraiche Mao, esan a rinn An Leum Mór Air-adhart :-)

    ReplyDelete
  2. Aidh, chòrdadh na planaichean còig-bliadhna soviet-style ris-san, dh'fhaodadh tu bhith deimhinne às a-sin a Mharco chòir.

    ReplyDelete