Tuesday, 28 February 2017

Aren't national Gaelic language plans wonderful?

Targaidean? Dè na targaidean a tha sin?


Well a chàirdean, aren’t National Plans for Gaelic wonderful? It’s well known that they have helped to make the revival of our lilting ancient tongue what it is today.

This is especially true of educational provisions in the aforementioned National Plans.


Seo eisempleirean dhiubh sin a tha taisgte ann an cridhe 'Illeasbuig:




"Targaidean airson 2021

"4,000 paiste a’ tighinn a-steach gu foghlam bunsgoile tron Ghàidhlig (ann an 2006/07 bha 313 sgoilear air an clàradh airson P1)"


A' chiad phlana còig-bliadhna.
4,000, eh?



Mar a chaidh le Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2007-2012:

- cha chualas dad mun targaid seo a-riamh bhon uair sin.







  • bho Ginealach Ùr na Gàidhlig (2010), le Bòrd na Gàidhlig:


(Thoiribh an aire: tha sinne aig Gilleasbuig Aotrom fada feitheamh ri tionndadh Gàidhlig dhen annas-làimhe seo)

"ACTION AREA 5: 5-18 YEARS EDUCATION 
"KPI:“15% year‐on‐year increase in the number of pupils enrolled in Gaelic Education to be brought about through conditions of Gaelic Specific Grants. 
“Delivery by 31.03.13 and ongoing”


Ceum mòr air adhart 'son ro-innleachdan
air a bheil "Ginealach Ùr na Gàidhlig"


Mar a chaidh le Ginealach Ùr na Gàidhlig:

- Doirbh ri ràdh, oir cha chualas dad mun KPI seo a-riamh bhon uair sin.


Gilleasbuig:
Is it just me, or is a pattern developing here??



"Builean: Geàrr-chunntas

"Coileanaidh am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig na prìomh bhuilean a leanas: 
"Foghlam: Sgoiltean agus Tidsearan Àrdachadh gach bliadhna san àireamh a’ dol gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG), a’ dùblachadh na h-àireimh a tha a’ tòiseachadh gach bliadhna an-dràsta gu 800 ann an 2017". 

An darna cheum mòr comharra-tìreil



Mar a chaidh le "PCNG 2012-2017, Fàs is Feabhas":

- Cha chualas mòran mun a' phlana seo bho chionn ghoirid
- Ged a rinn Gilleasbuig luaidh air ann am blog iomraiteach.



Nise cha b' urrainn dha bhith, arsa Gilleasbuig ris fhèin, gun toireadh am Bòrd bàrr air na planaichean buadhmhòr seo, gus an do nochd ...


Co-chomhairleachadh air Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2017-2022
Seo far nach fhaighear fios mu na targaidean a bh' ann cheana!



Tha am Bòrd ... 
"cinnteach gu bheil prìomhachasan a’ Phlana seo iomchaidh airson cur ri astar fàs na Gàidhlig ann an Alba".

Saoil na th' ann de thargaidean na bhroinn a thèid air dhìochuimhne an turas-sa!



Chan ann gu bheil am Bòrd a' smaoineachadh gu bheil sinn stupid.


Really, really stupid. Chan ann.







@GilleAotrom

No comments:

Post a Comment