Monday, 6 March 2017

Sàr-ionad na Gàidhlig v. tuiseal ginideach

Ceud soraidh slàn leis an tuiseal ghinideach a chàirdean (vol. VXIII)  


Tuiseal na mallachd - nach buidhe dhuinn gu bheil e dol às anns a' Ghàidhlig ùr.

Nach smaoinich sibhse - ainmearan ag atharrachadh an crutha a rèir riaghailtean nach tuig neach air thalmhainn! Cho eu-coltach 's a tha sin ris a' Bheurla choileanta ghlan.


Tha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan gu bheil sàr-ionad na Gàidhlig air thoiseach air chàich a' cur às dha:



- air a thogail bho làrach-lìn na colaiste



"Thuirt Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig, Proifeasair Boyd Robasdan "The sinn a' creidsinn gu mòr ..." amsaa.




Uncannily, bho thaobh-dhuilleagan Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich an t-seachdain seo fhèin ...







Gilleasbuig:
Well done everybody! Mar as mò coltach ris a' Bheurla, 's ann as fhèarr!



Leanaibh am fear aotrom air twitter
@GilleAotrom

No comments:

Post a Comment