Sunday, 14 May 2017

Na taghaidhean ionadail - mar a bhuinnig BBC Naidheachdan Gàidhlig cridhe is inntinn

Amazing Tory surge faithfully chronicled by totally impartial BBC Alba hacks 



Well a chàirdean, sin àm traing 'son 'Illeasbuig seachad cha mhòr, agus cuiridh ar gaisgeach aghaidh air blogadaireachd àrd-comasach a-rithist.

Bha am blogadair còir air a bheò-ghlacadh le buaidh iongantach nan Tòraidhean 'sna taghaidhean ionadail, agus an dòigh soaraway 'san deach a' bhòt aca gu 25% ... erm ... aibhiseach! Air neo am faodadh e bhith gun robh e coimhead fada cus dhe na h-aithrisean aig @bbcnaidheachdan?





SNP bochd agus am miserable failure aca ann an Glaschu
- chuala sinn an-seo an toiseach e, a chàirdean!


An tionndamaid a-nise gu làrach-lìn BBC Naidheachdan Gàidhlig, "Na Taghaidhean"? An-sin, tha sinn a' leughadh, bhuin an oidhche do na Tòraidhean:


Oidhche nan oidhcheanan 'son pàrtaidh Ruth Davidson, abair fhèin e.
Dìreach storming gu third equal. Neartmhor is seasmhach!

















Nuair a studaigeas sinn Alba gu lèir, cha robh cùisean càil na b' fhèarr 'son an SNP bhochd; tha e coltach ged a bhuinnig iadsan an taghadh, gun robh a h-uile sùil air ataireachd àrd nan Tòraidhean:


Buaidh-làraich nan Tòraidhean, BBC Alba-style.
Sùil eile air a' chùis: That Astonishing Tory Ferguslie Park Super Triumph



















Gilleasbuig:
Nach buidhe dhuinn, a chàirdean, gu bheil guth neo-pàirteach, geur-chùiseach BBC Naidheachdan Gàidhlig againn? Sgioba a tha òg, coimhead-air-adhart, cool?? 
 Sgioba bhàighbrant nach robh a-riamh a' leantainn loidhne-deasachaidh BBC Beurla bhon tàinig iad ... gabh mo leisgeul, a chàirdean ... [fuaim dìobhairt]


Yay! 3rd equal air a' Ghàidhealtachd!
Chan eil sinn toxic nas mò!




@GilleAotrom 




1 comment:

  1. Slìomaire Mac an Urramaich27 May 2017 at 00:12

    Tha mi moiteil à sgioba Gàidhlig a' BhBC nach do sheas iad air an ceann fhèin 's gun do chuir iad Gàidhlig air beachdan oifigeil Lunnainn. Nach ann airson sin a tha iad ann? Cha bu chòir dhuinne, na Gàidheil, a bhith gar putadh air adhart. Tha sinn iriseal, modhail, soitheamh, solt.

    ReplyDelete