Thursday, 10 August 2017

Gàidhlig high-register - nach i tha mìorbhaileach?


Well a chàirdean, tha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan, mar a shaoileadh sibh, gu bheil a' Ghàidhlig high-register a' fàs cho uile-làthaireach.

B' fhìor thoil leis feadhainn de na h-eisimpleirean a bu mhò chòrd ris a thoirt fa 'r comhair, le 'r cead.

Airson toiseach tòiseachaidh, a chàirdean, saoil an toireamaid sùil còmhla air sàr obair Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba?

Mar a tha fios againn uile, 's ann aig sàr-eòlaichean fiosrach an taighe-tasgaidh as fhèarr fhios mu dol-a-mach nan Seumasach 1688-1746 agus air sàilleabh sin, dh' fhàg iad a' Ghàidhlig a-mach às an taisbeanadh ionmholta aca Bonnie Prince Charlie and the Jacobites.

Dh' fhàg, agus gu dearbh fhuair iad iomadach moladh bho na Gàidheil air a shon ... erm, fhuair ... oir is math tha fhios nach robh Gàidhlig aig na Seumasaich ... erm ... (a' gluasad air adhart gu sgiobalta)

Co-dhiùbh, tha muinntir Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a-nise às dèidh tionndadh Gàidhlig de leabhar-iùil an taisbeanaidh a thoirt a-mach. Tha a' Ghàidhlig high-register a' tòiseachadh air an duilleag-aghaidh agus tha Gilleasbuig air a dhòigh leis a chionn, coltach ri Bòrd na Gàidhlig, tha na daoine chòire seo a' fàgail soraidh slàn leis an tuiseil ginideach -


Còmhdach leabhar-iùil, "Am Prionnsa Teàrlach 
agus na Seumasaich anns a' Ghàidhlig againn fhìn"




Gilleasbuig:
Mo bheannachd air na daoine seo, sàr-eòlaichean a h-uile gin aca, a rinn fàbhar nach beag do mhuinntir na Gàidhlig! Cò aca tha feum air tuiseil ginideach na mallachd! Bhitheadh na Seumasaich fhèin air an dòigh ghlan, erm, nan robh Gàidhlig air a bhith aca riamh. Dìreach bhàighbrant!



Tionndamaid an uair sin, mar a shaoileadh sibh a chàirdean, a dh' ionnsaigh MG Alba, oir tha sàr sgoilearachd aca ri gabhail ann an - well - rudeigineach (dìreach dè, chan eil Gilleasbuig cinnteach às fhathast).

Tha Gilleasbuig air a bheò-ghlacadh leis an annas-làimh seo de shanas agus shaoil leis gur math as t-fhiach làn urram a thoirt dha mar bu chòir. 'San dol-seachad, tha peann dearg 'Illeasbuig às dèidh rud beag - dìreach rud beag a chàirdean! - làimh-cuideachaidh a thoirt do MG Alba a thaobh nithean beaga an-siud 's an-seo a ghabhadh a chur ann an dòigh a thuigte na b' fhèarr, 's dòch', ann an Eilean a' Cheò:

"Tha MG Alba agus Bòrd na Gàidhlig air a thighinn còmhla le Sgoil Ion-shamhlachaidh is Lèir-choltachaidh (SimVis) aig Sgoil Ealain Ghlaschu gus sgoilearachd ùr "LearnGaelic" a thairgse, chaidh fhoillseachadh an-diugh, Dimàirt 4 Iuchar 2017. Tha an sgoilearachd seo ga cur air adhart mar phàirt de dhealas ùr a bhith a' leasachadh ghoireasan eadar-ghnìomhach ... " a.m.s.a.a.


Gilleasbuig:
Nise, leanaibh sin a chàirdean! 





An tuilleadh leughaidh ... molaidhean 'Illeasbuig

Agus sibhse a chàirdean, nach d' fhuair gu leòr dhen a' Ghàidhlig as high register fhathast, stiùiridh Gilleasbuig a dh' ionnsaigh plana-cànain Leasachadh Sgilean na h-Alba sibh. Cuiridh e geall gur fìor treasure trove a gheibh sibh an-sin.





'San dealachadh ...

Cuir/cur confusion na seachdaineach

Mìle taing do MG Alba, cumaibh a' tighinn iad!






@GilleAotrom

8 comments:

  1. Gu dearbh, 'Illeasbuig Chòir, 's e Gèama Reachdmhor a tha sinn 'ga chluich na làithean seo, gun teagamh 's am bith, ach gu mi-fhortanach thuit mo rionnag-sa gu bhirtiulaidh o chionn fada an t-saoghail ...

    ReplyDelete
    Replies
    1. Nach tu tha a' fàs feallsanachdail 'nad shean-aois, a Mharco chòir! Leanaidh sinn oirnn a' mealtainn na Gàidhlig àrd-ìre seo, bheir i togail d'ar n-inntinn, tha Gilleasbuig deimhinne às!

      Delete
  2. Biodh Gilleasbuig ceart no ceàrr, chan eil e
    gu diofar mòr sam bith fhad 's nach ceartaich e na mearachdan uabhasach 'na bhloga
    fhèin. Tha a' chòir mar a chumar i.

    ReplyDelete
    Replies
    1. Mìle taing airson tadhal a-staigh a-rithist a Steaphan chòir, tha Gilleasbuig air a dhòigh gun do chòrd na mearachdan beaga biodach, a rinn e a dh' aona ghnòthaich, ribh! Cuimhnich nach eil am blogadair bochd a' faighinn sgillinn ruadh airson a chuid shaothrach!

      Delete
    2. 'S i, a Steaphan chòir, o 's i. Agus "Am fear as fheàrr [sic] a chuireas, 's e as fheàrr [sic] a bhuineas" a-rèir Pàrlamaid na h-Alba! Mìorbhaileach!

      Delete
  3. Cha chreid mi nach eil na Taighean-tasgaidh ceart le bhith a' fàgail "Teàrlach" anns an tuiseal ainmneach, air sgàth 's nach eil apposition a' tachairt sa Ghàidhlig.

    ReplyDelete
  4. Gilleasbuig (a' leigeil air gu bheil fhios aige gu dè th' ann an 'apposition'): Oh - erm - Aidh

    ReplyDelete