Saturday, 28 October 2017

Ceum-mòr-tastaig Bòrd na Gàidhlig a' dol bho neart gu neart

Bòrd soar to new depths




A chàirdean, bha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan nuair a thog planaichean-cànain a' Bhùird ceann anns na naidheachdan Gàidhlig an t-seachdain seo chaidh. Oir is math a tha iad sin àraidh air àrd-mholadh, mar a tha fios againn uile.

'S iad na planaichean a dh' fhàg ath-bheòthachadh na Gàidhlig cho soirbheachail agus a tha e. Cha leig sinn a leas ach coimhead ceithir-thimcheall oirnn fhìn ann an Alba, gus buil nam planaichean a thuigsinn.




Bòrd na Gàidhlig a' coinneachadh ann an Steòrnabhagh

Coimhead sibhse, a chàirdean, air soirbheas planaichean-cànain Taighean-tasgaidh na h-Alba, agus an iomadach moladh a thrusaich am buidheann leis an d' rinneadh na planaichean ionmhalta sin.

Coimhead a-rithist air sàr-phlana Oilthigh Dhùn Èideann. 'S fhada bho bha fèill mhòr air a' phlana sin, agus air na molaidhean dùrachdach a rinneadh le Gilleasbuig mun alma mater aige fhèin.

'Son sàr-eisimpleir eile, 's ann air sgàth planaichean Gàidhlig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a tha a' chànan cho uile-làthaireach 'san àrainn sin agus ... erm ... a tha i.

Mu dheireadh, na dìochuimhnicheamaid gu bheil cànan nan Gàidheal aig teas-meadhain gach plana ... (a' gluasad air adhart gu sgiobalta)

Aidh a chàirdean, chan eil beatadh air na planaichean còig-bhliadhna soviet-style 'son mion-chànan a leasachadh, chan eil aon teagamh as lugha air Gilleasbuig co-dhiù.


Ach fuirich oirbh! Tha raon eile de shàr-obair a' Bhùird ris am bu chòir dhuinn gàirdeachas a dhèanamh.

Bidh cuimhne agaibh, a chàirdean chòire, gun d' rinn am Bòrd gealltanas ann an 2012 gum biodh 800 oileanach a' dol a-steach gu P1 foghlam meadhain-Gàidhlig ann an 2017, agus gun do shoirbhich glè mhath leis an iomairt sin gu ruige 2016. 



Prìomhachas air foghlam a' pàigheadh dheth

Well, a chàirdean, tha Gilleasbuig fada an comain deagh charaid dha air a bheil Saorsa (an Fhiosrachaidh), a leig leis na figearan triumphant as ùire a thoirt seachad dhuibh. Faodaidh Gilleasbuig a-nise cur an cèill gun deach 558 a-steach do P1 FMG ann an 2016-17.

Nise tha am Bòrd air a dhol unaccountably glè shàmhach mun chuspair seo, ach shaoil Gilleasbuig gun robh e mar dhleasdanas air na figearan glòrmhor a thoirt am follais às leth a' Bhùird.

Abair thusa ceum mòr a-steach do linn ùr, seachad air comharra-stiùiridh agus ... 

(tha fios agaibh air ' chòrr, lìonaibh fhèin na beàrnan)




@GilleAotrom






5 comments:

  1. Ach, a charaid chòir, nam bitheadh iad air amas airson, abair, 600 oileanach 's a phlana, 's dòcha nach bitheadh corr is 450 ann a-nis? Sin mar a tha an saoghal ag obrachadh, nach eil? ;-)

    ReplyDelete
    Replies
    1. Aha! Rinn thu a' chùis orm a Mharco chòir. Tha mi tuigsinn a' phlana bhàighbrant aca a-nise!

      Delete
  2. ..a bheil guth aca air Ulpan na lathaichean sa?

    ReplyDelete
  3. Replies
    1. Chan eil càil a dh'fhios aig Gilleasbuig, ach tha e beò an dòchas gu bheil iad dòigheal aiteigineach còmhla ri mygaelic.com

      Delete