Saturday, 4 November 2017

Deich bliadhnaichean dùbhlannach ach torrach (it says here)


Ten glorious years of high praise for the Bòrd in Bòrd's annual reports  


"A’ coimhead air ais air a’ chiad bhliadhna agam mar Cheannard, tha mi den bheachd gur e bliadhna shoirbheachail a bh’ ann don Bhòrd – bliadhna far am faca sinn fàs is adhartas ann am foghlam Gàidhlig, san inbhe laghail aig foghlam Gàidhlig, san àireimh de bhuidhnean poblach a tha a’ dealbh is a’ cur Phlanaichean Gàidhlig an gnìomh ..."
... thuirt Shona NicIllinein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig 'san rò-ràdh aice do aithisg na bliadhna-sa.

Dh' fhàg sin fo smuain Gilleasbuig. A chàirdean, nach buidhe dhan a' Ghàidhlig gu bheil quango buadhmhor ann 'son deich bliadhna a-nise, a rinn obair a tha a' fàgail cor na cànain far a bheil i an-diugh?

Nach gabh sibh turas beag còmhla ri Gilleasbuig, sìos troimhe aithisgean bliadhnail a bh' ann roimhe?




"B’ e bliadhna thrang, bheothail a bha aig Bòrd na Gàidhlig agus bliadhna eile a bha air leth cudromach airson cànan agus cultar na Gàidhlig".  

- Coinneach Moireach, Ceannard, Aithisg Bhliadhnail '06-07



"Is e bliadhna thrang, làn chothroman agus atharrachaidhean a tha air a bhith ann do Bhòrd na Gàidhlig. Tha adhartas math air a dhèanamh ann am fàs a’ chànain agus ann a bhith a’ togail aire dhaoine ... "
- Rosemary Nic a' Bhàird, Ceannard an Gnìomh, '07-08



"Bha bliadhna chinneasach agus adhartach aig a’ Bhòrd ann an 2009-10. Bha tòrr atharrachaidhean ann agus tòrr adhartais". 
- Art MacCarmaig, Cathraiche, '09-10


[Gilleasbuig: Cinneasach ???]



"Is e bliadhna dhùbhlanach ach torrach aig a’ cheann thall a tha air a bhith ann do Bhòrd na Gàidhlig, mu choinneach cùl-raoin de chrìonadh eaconamach agus goireasan cuibhrichte mar bhuil air an sin". [Eh?]
- Iain Aonghas MacAoidh, Ceannard, '11-12



"Coltach ri bliadhnaichean eile cha bu bheag an obair san robh Bòrd na Gàidhlig an sàs, agus gu dearbh cha bu bheag a' bhuil".

- Ealasaid Nic an t-Saoir, Cathraiche Eadar-amail, '12-13



 "Chunnaic sinn gu leòr ann an 2013/14 a thug dòchas agus misneachd dhuinn a thaobh na Gàidhlig agus gu dearbh a thaobh obair Bòrd na Gàidhlig".

Iain A MacAoidh, Ceannard, '13-14




Gilleasbuig:
Chun na h-ath dheich ma-tha! 

4 comments:

  1. Iain-Eairdsidh MacIllePhurpaidh7 November 2017 at 12:45

    Bidh facail mar "cinneasach" gam chuir droil. Cha chur mi suas leis mòran nas fhaide.

    ReplyDelete
    Replies
    1. Sibh fhèin agus mi-fhìn, I.E. chòir!

      Delete
  2. Theagamh gun curainn suas leis an sgudal aca nam biodh an aon fhaclair agamsa 's a th' acasan. Curaidh mi geall gun curadh. Nise, tha mi dol a chuir thuige an stobha 's curaidh mi mo cheann na bhroinn ma chanas duine vibrant.

    ReplyDelete
  3. 'S ann a tha mise mi fhìn a'taobhadh ri Enid (Aonad?) mo ghraidh. Ach nach i am muncaidh 's i a'toirt ar car asainn le cuid "cur is cuir". Obhachan-obhaidh! Co shaoileadh gum biodh i cho deiseil?

    ReplyDelete