Friday, 20 July 2018

Gilleasbuig salutes: Aithisg Bhliadhnail MG Alba

Well a chàirdean!  

Seachdain eile, aithisg bhliadhnail eile anns a bheil gliocas neo-chumanta!




Anns a' chànan aca fhèin:

"Geallaidh sinn spionnadh agus brosnachadh a thoirt tron Ghàidhlig agus tro na Meadhanan"



"Tha MG Alba agus an luchd-obrach air fad air obrachadh gu cruaidh sa bhliadhna a dh' fhalbh gus dèanamh cinnteach gun tèid leantainn air adhart a' craoladh raon farsaing de phrògraman aig àrd ìre ann an Gàidhlig air BBC ALBA." 
- Teachaireachd [sic] a' chathraiche



"Tha mar a tha susbaint BBC ALBA a' còrdadh ri daoine a [sic] leantainn air a' fàs, mar a tha ìre mothachaidh nàiseanta na seanail"


Teachaireachd 'Illeasbuig: 
Siuthad, canaibh "bhàighbrant", tha fhios agaibh gu bheil sibh ga mhiannachadh!



A' tionndadh gu naidheachdan eile:


  • Ceum mòr 'son beathaichean-mairt, agus tè aca a' dèanamh cruinn-leum seachad air a' ghealach!


  • Linn ùr airson nan con bige nach sguir a ghaireachdainn!


  • Clach-mhìle àraid airson acfhuinn-bhùird bhon a dh' fhalbh an truinnsear leis an spàin!





@GilleAotrom

No comments:

Post a Comment