Friday, 28 September 2018

Gilleasbuig air a neo-bhàighbreantadh le Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Plana còig-bliadhna Soviet-style - sin a tha dhìth air a' Ghàidhlig! 


A chàirdean, dè an saoghal a th' agaibh?

An seachdain-sa, le 'r cead, bheireamaid sùil aithghearr air: am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018-23 aig Bòrd na Gàidhlig, plana iongantach a rinn na h-uibhir mar-tha a dh' ionnsaigh leas na Gàidhlig, tha fhios.

Bidh cuimhne agaibh, tha Gilleasbuig deimhinne às a chàirdean, air an deasbad bhàighbreant a chaidh a chumail anns a' Pharlaidh o chionn corra mhìosan, agus am plana ga chur air bhog ann an seòmar-deasbaid loma-làn, mar bu chòir:

Deasbad a' Phlana Nàiseanta - the packed debating chamber!


Nise, tha Gilleasbuig còir às dèidh executive summary air a' Phlana a chur air dòigh dhuibh, a luchd-leughaigh choir.

"A' togail air na h-amasan a chaidh a sheatadh leis an dà phlana a bh' ann roimhe, nach deach a choileanadh a-riamh: Siuthad! Geallaidh sinn gun dèan sinn oidhirp mhòr an turas-sa. Thèid duaisean glitzy agus cèilidhean glè shnog a chur air dòigh!"
[end of executive summary]

Oh, agus dealbh snog de Nicola Sturgeon - Nicola Sturgeon?


Gilleasbuig:
Chaidh am plana seo a mholadh le John Swinney - Thighearna! What else is the Government getting wrong??

Ged-tà ...

Cha chreid Gilleasbuig nach eil an seòl-mara a' tionndachadh, a chàirdean.

Diombach dhen dol-a-mach quangotach agus planaichean gun dòigh? Coimheadaibh seo, ma-thà:


Misneachd aig a' Mhòd



Faic sibhse duilleag Misneachd aig a' Mhòd, oir tha Gilleasbuig ga moladh





@GilleAotrom









No comments:

Post a Comment