Sunday, 28 April 2019

Am Bòrd: "àm dùbhlanach" - airson ciall?


Am Bòrd a' coinneachadh ann an Inbhir Nis.
Bha e 'na dhùbhlan dhan a' Bhòrd, bho riamh, gu bheil adan pith a' fàs gann


Hiya, chàirdean chòire, 's fhada bhon uair sin! Ach tuigidh sibh gur àm traing agus [osna] "dùbhlanach" dhen a' bhliadhna a th' ann do 'Illeasbuig.

Nise bha an t-amadan glic as fhèarr leibh air a dhòigh ghlan a' cluinntinn gu bheil Bòrd na Gàidhlig air aithisg bhliadhnail eile thoirt a-mach, aithisg a tha moladh BnaG chun na smior.

Air bhioran, agus le anail ’na uchd, chaidh e a-steach na broinn airson beagan bhàighbreansaidh agus gu dearbh fhèin cha robh briseadh-dùil aige.

Abair fhèin gu bheil am Bòrd còir air gabhail ri prionnsapalan ath-chuairteachaidh! Coimhead sibhse, a chàirdean:



"Tha a’ bhliadhna a dh’fhalbh air a bhith na h-adhbhar misneachd agus dùbhlanach, agus tha mi gu mòr an comain mo cho-obraichean airson na tha sinn air a choileanadh còmhla ann an 2017/18. Tha mi den bheachd gun do rinn sinn adhartas nach beag."
- Lèirmheas a' Cheannaird 'san aithisg as ùire.




Hmm, shaoil Gilleasbuig còir, tha seo a' coimhead caran familiar ... nach gabhamaid turas tro na h-aithisgean a bh' ann roimhe ...





"Tha an 12 mìos a dh’fhalbh air a bhith dùbhlanach don bhuidhinn aig amannan    A dh’aindeoin sin, chùm am Bòrd Stiùiridh agus an luchd-obrach orra a’ toirt amasan is targaidean a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig gu buil gu soirbheachail".
- Aithisg Bhliadhnail 2015-16, Aithris a' Chathraiche (Ailean Dòmhnallach)





… tha mòran dùbhlain againn fhathast ri chothachadh nar n-oidhirpean air àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig
 a mheudachadh agus casg a chur air a’ chrìonadh ann an cleachdadh a’ chànain. ged a tha mi a’ creidsinn gu bheil sinn air an t-slighe cheart leis na prìomhachasan ann an Ginealach Ùr na Gàidhlig …"
- Aithisg Bhliadhnail 2010-11, Ro-ràdh bhon Chathraiche (Art MacCarmaig)




 "Bha bliadhna chinneasach agus adhartach aig a’ Bhòrd ann an 2009-10. Bha tòrr atharrachaidhean ann agus tòrr adhartais.
"Ged a bha, tha dùbhlain nach beag romhainn fhathast a’ feuchainn ri àireamhan luchd-labhairt a mheudachadh. Tha mi a’ creidsinn gu bheil sinn air an t-slighe cheart leis na gnìomhan ann an Ginealach Ùr na Gàidhlig ..."
- Aithisg Bhliadhnail 2009-10, Ro-ràdh a' Chathraiche (Art MacCarmaig)





"... 's e àm dùbhlanach ach misneachail a th’ ann don chànan."
- Aithisg Bhliadhnail 2006-7, Ro-fhacal a' Cheannaird (Coinneach A. Murray)




Gilleasbuig:
" ’S e na dh’ fhuiling iad de dhùbhlanan
A thug am Bòrdachd beò! "


 - mar a thuirteadh uaireigineach leis a’ Bhàrd Sgitheanach ainmeil Màiri Mhòr nan Òran (cha mhòr).


An tug sibh an aire na rinn Gilleasbuig an sin?




@GilleAotrom


1 comment:

  1. Caileag Deagh Thìde22 May 2019 at 01:09

    B' e àm dùbhlanach a bh' ann dhòmhsa cuideachd nuair a thàinig orm aithisg a' Bhùird a leughadh.

    ReplyDelete