Wednesday, 29 May 2019

Aithisgean a' Bhùird - are they really causing language death?

A chàirdean,

Tha Gilleasbuig air a bhith a' rannsachadh aithisgean a bh' ann aig a' Bhòrd a-rithist, oir feumaidh cuideigin. Agus an turas-sa chaidh a bheò-ghlacadh leis na toraidhean-rannsachaidh aige, oir cò shaoileadh e, a' bhuaidh nach beag a bh' aig aithisgean yesteryear?




  • "Is dòcha nach b' e seo a' bhliadhna a b' fhasa don Bhòrd, ach b' e bliadhna mhath a bha innte airson na Gàidhlig"
- Aithisg Bhliadhnail 2007-8, Aithris a' Chathraiche Eadar-amail (Art MacCàrmaig)


Dìreach mun aon àm ...

Gàidhlig air a meas "definitely endangered" le UNESCO, 'son a' chiad uair a-riamh.




Nise chàirdean, co-thuiteamas ann no às? Coimhead sibhse a-rithist ...

  • "Is e bliadhna dhùbhlanach ach torrach aig a' cheann thall a tha air a bhith ann do Bhòrd na Gàidhlig, mu choinneach cùl-raoin de chrìonadh eaconomach agus goireasan cuibhrichte mar bhuil air an sin".
- Aithisg Bhliadhnail 2011-12, Ro-fhacal a' Cheannaird (Iain Aonghas MacAoidh)


Dìreach mun aon àm sin ...
"The passing of Gaelic from one generation to the next - intergenerational transmission - has all but ended in Shawbost"
The State of Gaelic in Shawbost, Munro et al



Gilleasbuig:
Is it just me, air neo a bheil patran a' sìor-fhàs an seo?





  • "Tha a' bhliadhna a dh'fhalbh air a bhith na h-adhbhar misneachd agus dùbhlanach, agus tha mi gu mòr an comain mo cho-obraichean airson na tha sinn air a choileanadh còmhla ann an 2017/18. Tha mi den bheachd gun do rinn sinn adhartas nach beag".
Aithisg 2017-18, Lèirmheas a' Cheannaird



Well a chàirdean choire, a' leughadh sin, abair fhèin gun robh sinn a' feitheamh agus ar n-anail 'nar n-uchd! Agus sure enough .... ann an ùine gun a bhith fada -
"5% de chòmhraidhean am Barraigh 'sa Ghàidhlig"
BBC Naidheachdan Gàidhlig




Gilleasbuig:
Fàgaidh mi aige sin e a chàirdean! Cha chan mi càil mus can mi cus!



Coinneamh Bòrd na Gàidhlig an-dè



@GilleAotrom 

1 comment:

  1. Chaidh rannsachadh a dhèanamh air bruidhinn na Gàidhlig ann an àiteachan a bharrachd air Siabost. Gheibh sibh air làrach Bòrd na Gàidhlig i.
    http://www.gaidhlig.scot/wp-content/uploads/2018/03/Rothach-et-al-2016-Coimhearsnachd-Cunntas-CR13-02-Community-Census.pdf

    ReplyDelete