Sunday 14 September 2014

Am bu chòir Alba bhith na dùthaich neo-eisimeileach?

Dhomhsa is do mòran eile, chan ann mu dhèidhinn nàiseantachas a tha freagairt na cèist. ’S ann mu dhèidhinn dè seòrsa comann-sòisealta bu mhiann leinn a tha e, agus ciamar a ruigeas sinn ann?

Coimhead an Alba sa bheil sinn beò, dùthaich a tha cur thairis le iomadachd is misneachd. Am measg nan iomadach sgeulachd a tha rin cluinntinn tha an sgeul bheag agam fhìn, gall chun na smior ach fear a ghràdhaicheas Gàidhlig is a’ Ghàidhealtachd. Nuair a rugadh is thogadh mise ann an Ceann a Deas Alba, bha e soilleir gu leòr gun robh an Rìoghachd Aonaichte a’ riochdachadh adhartas agus an àm ri teachd, fhad’s a bha neo-eisimeileachd airson Alba a’ coimhead sean-fhasanta agus na cheum air ais.

Friday 7 December 2012

This is how a language dies

Blog anabarrach smuaineachdail le Andy Wightman a fhuair Gilleasbuig, le tuiteamas, air Bella Caledonia mun tè mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Deeside:  http://www.andywightman.com/?p=763#comment-28172

Cha do shaoil e riamh gun robh a' chànan beò an Siorrachd Obar-dheathainn suas gu 1984, shuas an sin os cionn Balmoral! Nach  eagallach an smuain gun deach i às cho aithghearr.

Ach feumaidh sinn uile bhith 'positive', bhon a tha obair an ath-bheòthachaidh a' dol cho math an-diugh a rèir nam press releases.