Sunday, 6 September 2015

"Highest-ever satisfaction levels" with BBC Alba, tha ceannard prògraman BBC Alba ag ràdh

Esslemont: I've only had about twenty complaints, all from extremist ghetto-dwellers  



Hi a chàirdean chòire, 's fhad' on uair sin!

An t-seachdain-sa, tuigidh sibh, bha Gilleasbuig air a bheò-ghlacadh leis an agallamh seo a rinneadh cò' ri Alan Esslemont còir, ceannard prògraman BBC Alba, air Aithris na Maidne 2 Sultain (a' tòiseachadh aig 39.50). Chaidh a bheò-ghlacadh chun na h-ìre 's gun d' rinn e tràs-sgrìobhadh dheth, tràs-sgrìobhadh a tha e nis a' toirt seachad thugaibh, le'r cead.

Tha e coltach gu bheil plan ùr aig RTE, sianal TV Èireannach, son beagan - beagan, cuimhnich! - dhen a' Ghaeilge thoirt a-steach dha na prògraman mainstream Beurla aca mar "brand asset" agus tha Esslemont air a dhòigh ghlan mu dheidhinn seo oir - you've guessed it - 's e rud cudromach a th'ann gun tèid rud beag Gàidhlig faisg air a' mhainstream, agus gu ìre tha BBC Alba an sàs ann an awareness-raising san aon dòigh, thuirt e (clò Eadailteach aig Gilleasbuig).

Ach seo a chàirdean far a bheil cùisean a' fàs nas inntinniche buileach:

MacIllethain 43.18 Nise tha … ’s e rud a tha 'ad ag ràdh san aithisg aca gu bheil ’ad ag amas air barrachd Ghaeilge a bhith an lùib seirbhisean RTE; dè chanadh tu fhèin, mar cheannard phrògraman BBC Alba mu na draghan a th’aig gu leòr mun ìre de Ghàidhlig ’s mu na tha de Ghàidhlig ri cluinntinn air BBC Alba?

Esslemont 43.31 ’S e rud ma dheòghainn BBC Alba, tha sin soilleir, tha mi air a ràdh airson [tha mi?] air fichead bliadhna a chur seachad, a’ coimhead air ciamar a tha daoine a’ dèiligeadh ri mion-chànain, ’s tha mi ’g ràdh, a thaobh prògraman telebhisein, tha ceithir luchd-coimhid ann, ’s e na faclan a th’ agam air seo, ’s e … an ceann. So tha daoine … far a bheil awareness. ’S e luchd-coimhid a tha cudromach a tha sin. Às a dheòigh sin, tha beul. So daoine a tha bruidhinn beagan Gàidhlig. Agus tha ’n luchd-coimhid sin, tha iad cudromach cuideachd. Às a dheòigh sin tha cridhe, tha daoine coltach rium fhìn, a chuir tòrr strì ann a bhith ag ionnsachadh beagan Gàidhlig ’s tha – gu ìre fileanta agus às a dheòigh sin tha anam, tha core audience na Gàidhlig.
So tha ceann, beul, cridhe agus anam sin ceithir luchd-coimhid eadar-dhealaichte agus mura h-eil BBC a’ frithealadh air ceithir luchd-coimhid a tha sin, tha sinn a’ dèanamh rud a tha cèarr, tha e cèarr dhan a’ Ghàidhlig agus cèarr dhan a’ luchd-coimhid gu lèir. 



Ceannard prògraman BBC Alba - chan fhada gus nach bi ach ceithir
luchd-coimhid aige ann an dà-rìribh, mura h-eil G. air a mhealladh


Mac’Illeathain, 44.35 Tha gu leòr ann, ged-tà, a tha faireachdainn gu bheil fada cus prògraman air an t-sianal far nach eil gu leòr Gàidhlig ri cluinntinn, gu bheil fada cus Beurla nochdadh air na programan sin agus gu bheil sin gan gluasad air falbh bho na Gàidheil. 

Esslemont Tha mi cluinntinn sin bho mu fhichead neach tha ga ràdh sin ach, em, tha sinn air a bhith dèanamh tòrr rannsachadh air luchd-coimhid BBC Alba agus a thaobh luchd-bruidhinn na Gàidhlig, cha robh ìre toileachais riamh cho àrd sa tha e an-dràsta, so tha e sealltainn gu bheil Gàidheil a tha bruidhinn a’ chànain, a’ mhòr-chuid aca, well a h-uile duine aca tha dà chànan aca, tha iad a’ tuigsinn rò-innleachd BBC Alba agus tha iad taiceil, tha daoine air an iomall a tha ag ràdh chan eil seo math gu leòr, ach air an iomall eile, luchd-bruidhinn na Beurla, tha daoine ag ràdh well carson a tha sinn a’ cosg airgead idir air a’ Ghàidhlig so feumaidh sin frithealadh air a’ chuid as mò de dhaoine is feumaidh sinn rò-innleachd a bhith againn a tha fallainn airson a’ chànain agus a bhith dèanamh ghetto a-mach à BBC Alba chan e rud a tha sin a tha fallainn airson na cànain.


Neach-naidheachd air choireigin 45.40: Alan Esslemont, ceannard prògraman BBC Alba ann a sin. 

(Pedant's corner: tha e coltach gun do dh'atharraich am facal 'cànan' a ghnè eadar toiseach is deireadh an agallaimh) 





Gilleasbuig:


Cha chan mi càil mus can mi rudeigin leithid: transparent attempt to smuggle in, under a veneer of Gaelic, a fifth-rate "pan-Scottish" TV channel. Cha chan! 

@GilleAotrom 

1 comment:

  1. Na daoine a bha deònach (a bharrachd ort-sa) a dhol an aghaidh riaghladh Esslemont:

    GWEN BOWIE / SRATH NARANN
    AONGHAS PÀDRAIG CAIMBEUL / AN CAOL
    AILEAN DÒMHNULLACH / GLEANN ÙIGE
    LOUISE EDMONDS / GLASCHU
    MAUREEN HAMMOND / FARRAIS
    ALISON KINNAIRD / DÙN ÈIDEANN
    RUAIRIDH MACÌOMHAIR / LEÒDHAS
    ROBBIE ANNDRA MACLEÒID / DÙN ÈIDEANN
    AONGHAS DUBH MACNEACAIL / CARLOPS
    ISHI NICILLEATHAIN / BARRAIGH
    MORAG NICLEÒID / SCALPAIGH
    ROBERT PHILLIPSON / COPENHAGEN
    DES SCHOLES / INBHIR NARANN
    TOVE SKUTNABB-KANGAS / ROSKILDE
    LISA STOREY / INBHIR NIS

    Dh'fhalbh Esslemont, ach cha do dh'atharraich gnothaichean - dh'fhag e dileab mi-thlachdmhor.

    Ach... bidh sinn air ais. Chunnaich sibh an seo an toiseach e. Ma tha sibhse - sibhse a bha a' brosnachadh Beurla: Domhnall Caimbeul, Iseabail Nic an t-Sagairt, Ailean Domhnallach>MNE>Purple TV>Cathraiche MG ALBA - a' smaoineachadh gun do rinn sibh an gnothach oirnn, tha sibh cearr.

    Thoiribh an aire. Na fas ro chofhurtail. Chan eil an gnothach seachad.

    ReplyDelete