Sunday, 9 October 2016

Conflict of interests? Na biodh eagal sam bith ort, 'Illeasbuig!

Puist-dealain 'Illeasbuig gu na cumhachdan a th'ann



15.8.16

To: Bòrd na Gàidhlig

Subject: Ceist orm mu chonflict of interests
A chàirdean 
’S e MnE TV as mò a tha a’ faighinn dhen airgead a th’ aig BBC Alba airson coimiseanadh phrògraman ùra (còrr is £2M not ann an 2015-16).

’S ann le Ailean Dòmhnallach, cathraiche a’ Bhùird, a tha MnE TV.

A bheil am bòrd ga mheas ceart is iomchaidh gur h-e ur cathraiche as mò nì prothaid a-mach às coimiseanadh prògraman BBC Alba?

Dh’ fhaodar a ràdh gu bheil a’ cheist seo gu seachd àraid iomchaidh, bhon a tha an sianal ga fhaotainn ann an teas-mheadhain connspaid a thaobh prìomhachas ga thoirt do phrògraman Beurla - agus mòran dhiubh sin air an dèanamh le MnE TV!

Dè an dòigh anns a bheil am Bòrd a’ seasamh coirichean na Gàidhlig anns a’ ghnothach seo?
Le meas
Gilleasbuig Aotrom



Cha robh ann ach beagan còrr is mìos mus tàinig freagairt:



 19 Sultain 2016
A Mhgr MhicRath chòir,
Tapadh leibh airson a’ phuist-d a chuir sibh thugainn air 15 Lùnastal, agus gabhaibh ar leisgeul gun robh dàil ann a bhith a’ cur freagairt thugaibh. 
Mar Bhuidhinn Phoblaich, feumaidh Bòrd na Gàidhlig cumail ri riaghailtean Riaghaltas na h-Alba a thaobh a bhith clàradh nan com-pàirtean a th’ aig a’ Chathraiche, Buill a’ Bhùird agus luchd-obrach na buidhne, gu h-àraidh an luchd-obrach a tha san Sgioba Stiùiridh. Feumaidh Buill a’ Bhùird agus luchd-obrach foirm, A’ Nochdadh Chom-pàirtean, a lìonadh a-steach co-dhiù uair sa bhliadhna le liosta de gach ‘com-pàirt’ a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air na co-dhùnaidhean is beachdan aca co- cheangailte ris an dreuchd aca aig a’ Bhòrd. 
A thuilleadh air an fhiosrachadh a thèid fhoillseachadh gach bliadhna air strì sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann eadar com-pàirtean (nì a tha na dhleastanas corporra), bidh an Cathraiche, Buill a’ Bhùird agus Luchd-stiùiridh a’ clàradh a h-uile com-pàirt iomchaidh aig gach coinneamh den Bhòrd, de na Comataidhean agus den Sgioba Stiùiridh gus dèanamh cinnteach gu bheil cùisean cho soilleir ’s a ghabhas nuair a nithear co-dhùnaidhean. 
Thèid com-pàirtean a chaidh a chlàradh le Buill a’ Bhùird fhoillseachadh air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig. Cuideachd, bi luchd in-sgrùdaidh agus luchd-sgrùdaidh bhon taobh a-muigh a’ dèanamh sgrùdadh air na dòighean sa bheil Bòrd na Gàidhlig a’ clàradh chom-pàirtean. 
’S ann an urra ri Bòrd Stiùiridh MG ALBA a tha e co-dhùnaidhean a dhèanamh a thaobh dè na prògraman telebhisein a tha iad a’ maoineachadh agus chan eil gnothach aig Bòrd na Gàidhlig no Buill a’ Bhùird againn ris na co-dhùnaidhean sin.Leis gach deagh dhùrachd,
Shona NicIllinnein Ceannard 



Gilleasbuig
An dòchas gu bheil ur n-inntinn aig fois a-nise, a chàirdean!





@GilleAotrom 

Saturday, 30 April 2016

Moladh mòr do BhBC Alba a choisinn 0 duais aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach

A magnificent zero prizes for Scotland's acclaimed BBC Alba  



Hiya chàirdean

'S fhad' on uair sin, ach 's e àm breith nan uan a th'ann - àm traing 'son 'Illeasbuig chòir, tuigidh sibh.

Dh'fhaodadh sibh a bhith cinnteach ged-tà gun robh Gilleasbuig a' cumail sùil gheur-chùiseach air gnothaichean Gàidhlig, agus tha e fada an comain a h-uile ball-cuango, eadar-theangaiche agus neach-poileataigs airson na h-obrach iongantaich a bha iad a' dèanamh a-riamh 'son a' chànain.

"Without them, the Gaelic Revival wouldn't be what it is today" mar a thuirt am fear eile (Gilleasbuig, roimhe seo).


Co-dhiùbh no co-dheth, bha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan gun deach cho math le BBC Alba aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach bho chionn ghoirid, far an do choisinn an sianal, gu h-iomlan, àireamh dhuaisean a bha truly magnificent.

Ann a bhith a' cosnadh nan 0 duaisean sin, fhuair an sianal cliùiteach BBC Alba moladh mòr bho na britheamhan, gu seachd àraid am prògram nach do choisinn an duais entertainment:

"There was a programme from Scotland which recorded a concert by a number of various artists, which was excellent – it looked lovely, it sounded great, you know, but it was quite traditional – I don’t think that cuts it any more you know, I think you need something with an edge".   Richard Rees, Britheamh

"Seirm" le Bees Knees Media - looking lovely, sounding great,
coming home empty-handed



Bha Gilleasbuig air a dhòigh cuideachd nuair a nochd Ailean "Let's clean up the ghetto" Esslemont air an sgrìon againn a-rithist, fear a tha àrd am meas am measg nan Gàidheal, gus cur an cèill gum faodadh cliù BBC Alba bhith fiù 's na b' àirde na tha e mar-tha:

"Tha mi smaointinn gur e just an dòigh anns a bheil sinn a’ craoladh ann an Alba, nach eil sinn a’ gabhail an aon risk agus a tha na h-Èirinnich, erm, agus nam biomaid a’ gabhail an risk a tha iadsan a’ gabhail, agus nas eadar-nàiseanta, agus chanainn nam biodh an dà chraoladair – BBC Alba agus BBC Scotland – beagan nas treasa, chanainn gum biodh sinne a’ ruighe an aon ìre ‘sa tha na h-Èirinnich'.

Bhiodh dha-rìribh! Tha Gilleasbuig a' moladh gum bruidhinn e ris an neach a tha na cheannard phrògraman do BhBC Alba, fear Ailean Esslemont.


A' coimhead gu math mòiteil às na bha siud de dhuaisean a choisinn
BBC Alba, agus ciamar a bhiodh e air a chaochladh?

Cha d'fhuair am prògram-sa duais sam bith?
Surely some mistake!



Gilleasbuig:
An tug mi tarraing gur h-e cathraiche Bòrd na Gàidhlig as mò bhuannaicheas bho phoileasaidh phrògraman BBC Alba?? Cha chreid mi nach tug! What a scam! Na biodh dùil agaibh ri exposé air BBC Naidheachdain Gàidhlig, ged-tà!


@GilleAotrom