Tuesday, 16 December 2014

TurasG - exploring and enjoying the culture of Scotland’s “Gàidhealtacdh” (it says here)


How Gaelic churnalism works


Thug Gilleasbuig an aire an t-seachdain sa chaidh gun deach an làrach-lìn ùr TurasG a chur air bhòg le othail mòr, "your essential guide to cultural tourism in the greater Gàidhealtacht". It seems that:

  • TurasG will encourage real and virtual visits to our rich and varied cultural landscape through the Gaelic language and culture (but only through the medium of English).

Sunday, 14 September 2014

Am bu chòir Alba bhith na dùthaich neo-eisimeileach?

Dhomhsa is do mòran eile, chan ann mu dhèidhinn nàiseantachas a tha freagairt na cèist. ’S ann mu dhèidhinn dè seòrsa comann-sòisealta bu mhiann leinn a tha e, agus ciamar a ruigeas sinn ann?

Coimhead an Alba sa bheil sinn beò, dùthaich a tha cur thairis le iomadachd is misneachd. Am measg nan iomadach sgeulachd a tha rin cluinntinn tha an sgeul bheag agam fhìn, gall chun na smior ach fear a ghràdhaicheas Gàidhlig is a’ Ghàidhealtachd. Nuair a rugadh is thogadh mise ann an Ceann a Deas Alba, bha e soilleir gu leòr gun robh an Rìoghachd Aonaichte a’ riochdachadh adhartas agus an àm ri teachd, fhad’s a bha neo-eisimeileachd airson Alba a’ coimhead sean-fhasanta agus na cheum air ais.

Friday, 7 December 2012

This is how a language dies

Blog anabarrach smuaineachdail le Andy Wightman a fhuair Gilleasbuig, le tuiteamas, air Bella Caledonia mun tè mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Deeside:  http://www.andywightman.com/?p=763#comment-28172

Cha do shaoil e riamh gun robh a' chànan beò an Siorrachd Obar-dheathainn suas gu 1984, shuas an sin os cionn Balmoral! Nach  eagallach an smuain gun deach i às cho aithghearr.

Ach feumaidh sinn uile bhith 'positive', bhon a tha obair an ath-bheòthachaidh a' dol cho math an-diugh a rèir nam press releases.