Monday, 24 December 2012

Aithisg Bhliadhnail - Gilleasbuig agus na KPIs


Is e bliadhna dhùbhlanach ach aig an aon àm torrach a tha air a bhith ann do Ghilleasbuig agus a chuid ro-innleachdan  blogach.

Tha ath-sgrùdadh a chuireadh an gnìomh le in-sgrùdair nam blogaichean mu choileanadh liubhairt Plana Chorporra Ghilleasbuig air daingneachadh gu bheil 94% de na prìomh Chomharran Coileanaidh aige (KPIs) (29/31) air an rangachadh uaine (air an liubhairt), 97% air an rangachadh òmar (air an liubhairt no air an liubhairt ann am pàirt).


Rinn am Blog adhartas cudromach a dh’ionnsaigh structar ùghdarrasail a stèidheachadh gus stiùireadh ro-innleachdail a sholarachadh airson leasachaidhean blogadh Gàidhlig. Aig toiseach

Thursday, 20 December 2012

Mo thruaigh Gàidhlig an Oilthigh Dhùn Èideann

Tha am blog seo toirt an aire gu bheil plana "Gàidhlig" aig alma mater Ghilleasbuig fhèin a-nise.

"Colaiste Leigheas Ainmhidhean" airson Colaist' a' Bheataireachd, anyone?

Summerhall, Dùn Èideann - seann làrach airson "Leigheas Ainmhidhean"

Monday, 17 December 2012

Tuilleadh mu shàr-obair a' Bhùird


Och nan och, tha Gilleasbuig fo lèireadh, fhuair Aonghas Phàdraig a chàineadh bho mhuinntir Iomairtean Gàidhlig air facebook - far am faigh neach "poileataigs, connspaid agus strì!" (it says here) - airson leudachadh a rinn e sa Phàipear Bheag air blog 'illeasbuig "And these folk want to give us a Gaelic Language Academy" .

Nise, dh'fhaodadh e bhith gu bheil muinntir Iomairtean dha-rìribh a' strì airson na Gàidhlig ach cha bhiodh fios aig Gilleasbuig ged a bhiodh, oir tha e "blocked" a-mach mar a chanas iad. Am faodadh e bhith nach eil a' bhuidheann cho "open" sin?

Friday, 14 December 2012

Cultural dispossession, 1920s style


Tha e mar fhasan do 'illeasbuig seann phàipearan-naidheachd a rannsachadh bho àm gu àm; bidh e cur iongantas air, na cuspairean a bhios a' tighinn an-àrd. A' dol an-dè tron Oban Times, 11 Dùbhlachd 1926, an tòir air cuspair eile, bhuail an litir seo e:

GAELIC FOR SKYE

 Sir,
This seems to be generally put “An t-Eilean Sgiathaineach” or “An t-Eilean Sgiathanach”.What is the authority for this? It is utterly inconsistent with the name as spoken by the people. The first syllable is distinctly nasal,

Wednesday, 12 December 2012

It's Gaelic, but not as we know it

Mhill an soidhne seo cuairt Ghilleasbuig leis a' chuilean an-dè:

Tarrag eile sa ciste-laighe

"Saoil" ars esan "am faodadh e bhith gu bheil iad a' ciallachadh Cùl-cinn Bhreacais Àird?"

Cò iad na quangoteers a tha cur nan soidhnichean ùra seo air dòigh? 'S iad:

Sunday, 9 December 2012

Gilleasbuig agus na creative industries

'S toil le Gilleasbuig na creative industries, nuair a cheadaicheas an tìde dha:

Crannghal an t-Sabhail Mhòir: cnàmhan lom na Gàidhlig?

Mo shàth-ghal goirt
Mar tha mi a-nochd
Mu Chrannghail bhochd mo sgeòil;

Saturday, 8 December 2012

Clasaichean Ùlpan and their fan; agus mìle pageviews airson 'illeasbuig

Aig a' Mhòd am-bliadhna.
"'S fhèarr caraid sa chùirt na £700,000 san sporan"
- seanfhacal

Fhuair Gilleasbuig Aotrom còrr is 1,000 pageviews gu ruige seo. Mòran taing dhuibh uile a thadhail a-staigh.

Friday, 7 December 2012

This is how a language dies

Blog anabarrach smuaineachdail le Andy Wightman a fhuair Gilleasbuig, le tuiteamas, air Bella Caledonia mun tè mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Deeside:  http://www.andywightman.com/?p=763#comment-28172

Cha do shaoil e riamh gun robh a' chànan beò an Siorrachd Obar-dheathainn suas gu 1984, shuas an sin os cionn Balmoral! Nach  eagallach an smuain gun deach i às cho aithghearr.

Ach feumaidh sinn uile bhith 'positive', bhon a tha obair an ath-bheòthachaidh a' dol cho math an-diugh a rèir nam press releases.

Monday, 3 December 2012

Dramatic growth in Bòrd na Gàidhlig’s social media outlets (it says here)

Mar a shoirbhich cho math le mygaelic.com 


Feb 2009 - mygaelic.com air a chur air bhòg, gus "ìomhaigh agus tuigse dheimhinneach den Gàidhlig adhartachadh agus cleachdadh is sgaoileadh na Gàidhlig a bhrosnachadh" (Bòrd na Gàidhlig, Aithisg Bhliadhnail, 2009-10)

March 2011 - "A review of mygaelic.com is ongoing" (BnaG Aithisg Bhliadhnail 2010-11)

An Iuchar 2011 - còrr is leth-mhillean not ga chosg air mygaelic.com gu ruige seo (fhuaradh am fiosrachadh seo a-mach às a' Bhòrd le cuideachadh Achd Saorsa an Fhiosrachaidh)