Tha e coltach gun do bhruidhinn an cànan an-àrd às dèidh don artagail seo a' nochdadh ann an duilleagan na Hootsmon bho chionn ghoirid.
Thuirt an cànan gu bheil i ag èirigh is a' gearain mu BhBC Alba.
Mar a bhiodh dùil, 's e na tha de shusbaint Beurla ga craoladh leis an t-seanail as mò a tha cur air a' chànan mhilis mhàthaireil; coma leat na h-ath-chraolaidhean.
Thuirt i cuideachd gu bheil i fada feitheamh ri crìoch nam fo-thiotalan grànta a chaidh a ghealtainn le MG Alba ann an 2016 (td. 9).
Tha MG Alba, a tha a' ruith BBC Alba, a' faighinn moladh mòr bho MG Alba anns an aithisg bhliadhnail aca, air a sgrìobhadh le MG Alba; predictably chaidh seo aithris air BBC Naidheachdan gun cheasnachadh sam bith.
Thuirt neach-labhairt an-dè: "Chomharraich BBC Alba deich bliadhnaichean de shoirbheachas an-uiridh; tha an seanail a' leantainn air a' gabhail cheumannan mòra a-staigh do linn ùr agus chan eil neach sam bith a' gearain idir, a-mach air an fheadhainn a tha".
Gilleasbuig:
BBC Alba, eh a chàirdean!
- ma tha thu an dùil ri susbaint buidseat-mòr, bidh briseadh-dùil agad;
- ma tha thu an dùil ri naidheachdan ròlaigidh bho mhoch gu dubh, bidh briseadh-dùil agad;
- ach ma tha thu an dùil ri feallsanachd a chuireas Gàidhlig aig cridhe gach gnothaich, bidh briseadh-dùil agad!
@GilleAotrom
How lucky Scotland is, now that it has two dedicated television channels broadcasting high quality English language content.
ReplyDeleteAidh, amadain chòir, tha Gilleasbuig deimhinne às gum bi iomadach cothrom againn fhathast ar cuid Beurla a leasachadh!
ReplyDeleteOchòin a rìgh, mar a bha an tv, a chunnaic sinn fhìn, a-raoir.
ReplyDeleteA-raoir agus a h-uile oidhche eile, cuiridh mi geall Iain chòir! 'S fhada bho sguir Gilleasbuig dheth ga choimhead.
ReplyDeleteMur am b'e an telebhisean bhithinn beò ann an saoghal far am bu ghann na creutairean aognaidh. Mealamaid ar deòir air an sgàilean.
ReplyDelete