Showing posts with label BBC Alba. Show all posts
Showing posts with label BBC Alba. Show all posts

Sunday, 7 July 2019

"I demand improvements to BBC Alba" says the Gaelic language

Mar a chuala Gilleasbuig, tha a' Ghàidhlig a' cumail a-mach gu bheil i air a cuingealachadh le seirbhis TBh a tha feumach air leasachadh.





Tha e coltach gun do bhruidhinn an cànan an-àrd às dèidh don artagail seo a' nochdadh ann an duilleagan na Hootsmon bho chionn ghoirid.

Thuirt an cànan gu bheil i ag èirigh is a' gearain mu BhBC Alba.

Mar a bhiodh dùil, 's e na tha de shusbaint Beurla ga craoladh leis an t-seanail as mò a tha cur air a' chànan mhilis mhàthaireil; coma leat na h-ath-chraolaidhean.

Thuirt i cuideachd gu bheil i fada feitheamh ri crìoch nam fo-thiotalan grànta a chaidh a ghealtainn le MG Alba ann an 2016 (td. 9).

Tha MG Alba, a tha a' ruith BBC Alba, a' faighinn moladh mòr bho MG Alba anns an aithisg bhliadhnail aca, air a sgrìobhadh le MG Alba; predictably chaidh seo aithris air BBC Naidheachdan gun cheasnachadh sam bith.

Thuirt neach-labhairt an-dè: "Chomharraich BBC Alba deich bliadhnaichean de shoirbheachas an-uiridh; tha an seanail a' leantainn air a' gabhail cheumannan mòra a-staigh do linn ùr agus chan eil neach sam bith a' gearain idir, a-mach air an fheadhainn a tha".

Gilleasbuig:
BBC Alba, eh a chàirdean!
  • ma tha thu an dùil ri susbaint buidseat-mòr, bidh briseadh-dùil agad;
  • ma tha thu an dùil ri naidheachdan ròlaigidh bho mhoch gu dubh, bidh briseadh-dùil agad;
  • ach ma tha thu an dùil ri feallsanachd a chuireas Gàidhlig aig cridhe gach gnothaich, bidh briseadh-dùil agad!




@GilleAotrom

Sunday, 7 August 2016

Predictably - am facal-V a' togail ceann a-rithist

Well a chàirdean, 's fhada bho nach do nochd "craobh-sgaoileadh Gàidhlig" agus "a' v-word" còmhla san aon brath-naidheachd ... cus ro fhada ann am beachd 'Illeasbuig, a bhios a' cumail sùil gheur air gnothaichean dha leithid nuair a cheadaicheas an tìde dha.

Bha e na thogail mòr dhan fhear aotrom ma tha nuair a thog am facal-v as fhèarr leis ceann a-rithist an t-seachdainsa -


"In the autumn of 2015 we took evidence from MG Alba, the remit of which under the Communications Act is to ensure that a wide and diverse range of high quality Gaelic programming is made available".

Gilleasbuig: Hmmmm .... ]


"... We therefore support the MG Alba objective of parity with S4C in Wales; namely, that the BBC should make or commission 10 hours of Gaelic programming per week, and that BBC Alba should broadcast no less than three hours of previously un-broadcast programming per day, including news. This, we believe would maintain and enhance thevibrancy of the Gaelic broadcasting sector".

- Westminster Government Culture, Media and Sport Committee, aithisg air choireigineach



Gilleasbuig:
Nise, sin agad bhàighbransaidh! Nice to see that the esteemed committee did their homework! Ach dè tha seo mu dhèidhinn news air BBC Alba? What an utterly brilliant idea, cuin' a tha iad a' dol a thòiseachadh??


@GilleAotrom

 

Saturday, 30 April 2016

Moladh mòr do BhBC Alba a choisinn 0 duais aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach

A magnificent zero prizes for Scotland's acclaimed BBC Alba  



Hiya chàirdean

'S fhad' on uair sin, ach 's e àm breith nan uan a th'ann - àm traing 'son 'Illeasbuig chòir, tuigidh sibh.

Dh'fhaodadh sibh a bhith cinnteach ged-tà gun robh Gilleasbuig a' cumail sùil gheur-chùiseach air gnothaichean Gàidhlig, agus tha e fada an comain a h-uile ball-cuango, eadar-theangaiche agus neach-poileataigs airson na h-obrach iongantaich a bha iad a' dèanamh a-riamh 'son a' chànain.

"Without them, the Gaelic Revival wouldn't be what it is today" mar a thuirt am fear eile (Gilleasbuig, roimhe seo).


Co-dhiùbh no co-dheth, bha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan gun deach cho math le BBC Alba aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach bho chionn ghoirid, far an do choisinn an sianal, gu h-iomlan, àireamh dhuaisean a bha truly magnificent.

Ann a bhith a' cosnadh nan 0 duaisean sin, fhuair an sianal cliùiteach BBC Alba moladh mòr bho na britheamhan, gu seachd àraid am prògram nach do choisinn an duais entertainment:

"There was a programme from Scotland which recorded a concert by a number of various artists, which was excellent – it looked lovely, it sounded great, you know, but it was quite traditional – I don’t think that cuts it any more you know, I think you need something with an edge".   Richard Rees, Britheamh

"Seirm" le Bees Knees Media - looking lovely, sounding great,
coming home empty-handed



Bha Gilleasbuig air a dhòigh cuideachd nuair a nochd Ailean "Let's clean up the ghetto" Esslemont air an sgrìon againn a-rithist, fear a tha àrd am meas am measg nan Gàidheal, gus cur an cèill gum faodadh cliù BBC Alba bhith fiù 's na b' àirde na tha e mar-tha:

"Tha mi smaointinn gur e just an dòigh anns a bheil sinn a’ craoladh ann an Alba, nach eil sinn a’ gabhail an aon risk agus a tha na h-Èirinnich, erm, agus nam biomaid a’ gabhail an risk a tha iadsan a’ gabhail, agus nas eadar-nàiseanta, agus chanainn nam biodh an dà chraoladair – BBC Alba agus BBC Scotland – beagan nas treasa, chanainn gum biodh sinne a’ ruighe an aon ìre ‘sa tha na h-Èirinnich'.

Bhiodh dha-rìribh! Tha Gilleasbuig a' moladh gum bruidhinn e ris an neach a tha na cheannard phrògraman do BhBC Alba, fear Ailean Esslemont.


A' coimhead gu math mòiteil às na bha siud de dhuaisean a choisinn
BBC Alba, agus ciamar a bhiodh e air a chaochladh?

Cha d'fhuair am prògram-sa duais sam bith?
Surely some mistake!



Gilleasbuig:
An tug mi tarraing gur h-e cathraiche Bòrd na Gàidhlig as mò bhuannaicheas bho phoileasaidh phrògraman BBC Alba?? Cha chreid mi nach tug! What a scam! Na biodh dùil agaibh ri exposé air BBC Naidheachdain Gàidhlig, ged-tà!


@GilleAotrom 

Sunday, 14 February 2016

Obair Bòrd na Gàidhlig: culaidh-mhagaidh dhèanamh dhe ar cànan

An t-seachdain-sa, bheachdaich Bòrd na Gàidhlig air seirbhisean a' BhBC, mar nach robh eas-aont' ann a-riamh mu phrògraman Beurla-làimh-an-uachdair:

"Tha am BBC ann an Alba agus na prògraman a bhios iad a’ dèanamh fìor chudromach do Bhòrd na Gàidhlig, do choimhearsnachd na Gàidhlig agus tha iad a’ cuideachadh gus làthaireachd is cleachdadh na Gàidhlig a dhèanamh na nì àbhaisteach air feadh Alba ..."

Predictably:
"Tha BBC ALBA air fàs gu bhith na sheirbheis luachmhor dha-rìribh a tha air spèis iomadh neach ann an Alba a chosnadh ..."

Gilleasbuig: Zzzzzzzz!


Ach an uair sin -


"Fòghnaidh na dh' fhònas", thuirt saoghal na Gàidhlig a' dol an guaillibh a chèile, seachd searbh sgìth dhen a' conflict of interests aig crìdhe a' Bhùird. "Tha sibh air a dhol ro fhada an turas-sa".

Bha twitterati na Gàidhlig air bhoil gu bheil am Bòrd an eisimeil mneTV (CEO: cathraiche Bòrd na Gàidhlig) agus purpleTV (stiùiriche: cathraiche Bòrd na Gàidhlig), seach freumhan coimhearsnachd a' chànain. Thog fiù 's muinntir Iomairtean Gàidhlig air facebook an guth, ged as fhèarr leotha poileataigs, connspaid agus strì a sheachnadh.

A h-uile oidhche air An Là, cha robh leisg air muinntir BBC Naidheachdan mion-sgrùdadh a dhèanamh air an amaladh eadar am Bòrd, MG Alba agus na companaidhean TV as mò nì prògraman "Gàidhlig" làn Beurla, ann an sreath de dh'aithrisean cruaidh-bheumach.

Bha deasbad air a thogail 'sa' Phàrlamaid, "This Parliament believes that vested interests and phoney normalisation are destroying Gaelic..."


Naidheachdan eile a-nise ...


  • sìth an t-saoghail air a gairm
  • Anti-Gaelic bigot declares: Yes, I am an ant-Gaelic bigot. The power and subtlety of your social media campaign has shown me the error of my ways.
  • aon-adharcach 'Illeasbuig a' cur uighean Fabergé a-rithist!






@GilleAotrom




Friday, 29 January 2016

A' fàgail soraidh slàn le 2015 vol. II

Anyway, a chàirdean, càit' an robh sinn?


'San Iuchar ...



Joe "strong & vibrant" Moore,
interim CEO a' Bhùird

Bha am Bòrd a' sìor dhol bho neart gu neart agus a' faighinn molaidhean mòra 'son cheumanan mòra. Erm ... bha.

Tuigidh sibh, ged-tà, gur h-iad Gaelic tweets as mò a bh' air aire 'Illeasbuig; nach buidhe dhuinn gu bheil conaltradh cho beòthail, fiù's - seadh - vibrant mar a leanas againn? 'S toil le Gilleasbuig a bhith leantainn feadhainn dhe na seòid Gàidhlig:










Mar a thuirt am fear eile (actually Dòmhnall Caimbeul, MG Alba):
"... tha farsaingeachd bheachd, còmhradh agus deasbad mar chomharra fallaineachd, agus ged nach biodh daoine ag aontachadh ‘s e an rud as cudromaiche gu bheil sinn a’ gabhail ùidh".


'San Lùnasdal ...

Ann an triumph eile 'son BBC Alba ... enter Stan Collymore!





Cha do thachair dad eile 'san lunasdal.



'San t-sultain ... 

Fhuair Alan Esslemont mòran chairdean ùra nuair a rinn e rèiteachadh air ceist na Beurla air BBC Alba ann an agallamh cumhachdach, deas-briathrach air Rèidio nan Gàidheal. 


Agus anns a' Phàrlamaid ...


Really?
Ceum mòr air adhart 'son meaningless photo-opportunities!!
'San Dàmhair:

Bhuinnig Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn (deas), BBC Scotland
Head of Talent and Change, bonn òir a' Chomainn


Cuideachd ... bha Gilleasbuig air a bheò-ghlacadh leis a' bhlog seo le fear a tha na bhall air bòrd MG Alba. Cho math ri càineadh a' Mhòid, tha e cur an cèill dhuinn feallsanachd an triùir a tha air chùlaibh Iomairtean Gàidhlig, làrach facebook airson poileataigs, connspaid agus strì. Abair fhèin radaigeach!

Tha e coltach, a rèir nan daoine ionnsaichte seo ... When faced with an intransigent establishment you simply ... become the establishment! (agus rudeigineach mu dheidhinn iasgach cruthachail). Tha Gilleasbuig ga moladh.



That's all a chàirdean! Cha do thachair 
càil eile as t-fhiach ann an 2015.





@GilleAotrom



Thursday, 4 December 2014

Fàidheadaireachd 'Illeasbuig - beul na fìrinne!

Gilleasbuig and his uncannily accurate predictions  


A luchd-leughaidh chòir, saoil a bheil cuimhn' aig feadhainn nur measg air an fhàisneachd iomraiteach seo a rinneadh le Gilleasbuig tràth sa bhliadhn' ùr?

Tha leisg air Gilleasbuig inneal-ciùil fhèin a shèideadh, mar gum biodh, ach thoireamaid sùil a-rithist air na manaidhean aige:

"A man in a smart suit will present an award to another man in a smart suit, saying 'This has been a landmark year for Gaelic' " - Gilleasbuig 2.1.2014

Tuesday, 16 September 2014

Cho soilleir ri gathan na grèine Vol. II: broadcast le Nas Fhèarr Còmhla

Another wonderful Better Together broadcast wins hearts & minds … er …


Bha Gilleasbuig air a dhol na thosd airson a' referendum, ach an uair sin - nochd seo air BBC Alba an-raoir, le fò-thiotalan sàr-mhath air an cur ris a' Bheurla.

OK, so far so good


Thursday, 11 September 2014

BBC Alba - a' toirt Gàidhlig thugainn tro mheadhan na Beurla

Channel continues to impose English on Gaelic speakers

Well a chàirdean, bha moladh mòr aig a h-uile duine air BBC Alba an t-seachdain-sa.

Chaidh an làrach-lìn math sa chur air dòigh gus na th'ann dhen a' Bheurla air Banalba a shònrachadh, agus am milleadh a tha sin a' dèanamh.

An uair sin chaidh na leanas fhoillseachadh ann an colbh Aonghas Phàdraig Chaimbeul sa Phàipear Bheag.