Saturday, 30 April 2016

Moladh mòr do BhBC Alba a choisinn 0 duais aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach

A magnificent zero prizes for Scotland's acclaimed BBC Alba  


Hiya chàirdean

'S fhad' on uair sin, ach 's e àm breith nan uan a th'ann - àm traing 'son 'Illeasbuig chòir, tuigidh sibh.

Dh'fhaodadh sibh a bhith cinnteach ged-tà gun robh Gilleasbuig a' cumail sùil gheur-chùiseach air gnothaichean Gàidhlig, agus tha e fada an comain a h-uile ball-cuango, eadar-theangaiche agus neach-poileataigs airson na h-obrach iongantaich a bha iad a' dèanamh a-riamh 'son a' chànain.

"Without them, the Gaelic Revival wouldn't be what it is today" mar a thuirt am fear eile (Gilleasbuig, roimhe seo).



Co-dhiùbh no co-dheth, bha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan gun deach cho math le BBC Alba aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach bho chionn ghoirid, far an do choisinn an sianal, gu h-iomlan, àireamh dhuaisean a bha truly magnificent.

Ann a bhith a' cosnadh nan 0 duaisean sin, fhuair an sianal cliùiteach BBC Alba moladh mòr bho na britheamhan, gu seachd àraid am prògram nach do choisinn an duais entertainment:

"There was a programme from Scotland which recorded a concert by a number of various artists, which was excellent – it looked lovely, it sounded great, you know, but it was quite traditional – I don’t think that cuts it any more you know, I think you need something with an edge".   Richard Rees, Britheamh

"Seirm" le Bees Knees Media - looking lovely, sounding great,
coming home empty-handed


Bha Gilleasbuig air a dhòigh cuideachd nuair a nochd Ailean "Let's clean up the ghetto" Esslemont air an sgrìon againn a-rithist, fear a tha àrd am meas am measg nan Gàidheal, gus cur an cèill gum faodadh cliù BBC Alba bhith fiù 's na b' àirde na tha e mar-tha:

"Tha mi smaointinn gur e just an dòigh anns a bheil sinn a’ craoladh ann an Alba, nach eil sinn a’ gabhail an aon risk agus a tha na h-Èirinnich, erm, agus nam biomaid a’ gabhail an risk a tha iadsan a’ gabhail, agus nas eadar-nàiseanta, agus chanainn nam biodh an dà chraoladair – BBC Alba agus BBC Scotland – beagan nas treasa, chanainn gum biodh sinne a’ ruighe an aon ìre ‘sa tha na h-Èirinnich'.

Bhiodh dha-rìribh! Tha Gilleasbuig a' moladh gum bruidhinn e ris an neach a tha na cheannard phrògraman do BhBC Alba, fear, ahem ... Ailean Esslemont.

A' coimhead gu math mòiteil às na bha siud de dhuaisean a choisinn
BBC Alba, agus ciamar a bhiodh e air a chaochladh?


Cha d'fhuair am prògram-sa duais sam bith?
Surely some mistake!


Gilleasbuig:
An tug mi tarraing gur h-e cathraiche Bòrd na Gàidhlig as mò bhuannaicheas bho phoileasaidh phrògraman BBC Alba?? Cha chreid mi nach tug! What a scam! Na biodh dùil agaibh ri exposé air BBC Naidheachdain Gàidhlig, ged-tà!



@GilleAotrom


2 comments:

  1. Reginald Vunt-Whimsy1 May 2016 at 23:02

    Chunnaic mise BBC Alba agus bha e sgoinneil. San Lùnasdal an-uiridh. Bheil e fhathast ann?

    ReplyDelete
  2. Tha dha no thri ideas agams son programan a gheibh a h-uile duais tha dol.

    1:
    - farpais le da sgioba
    - triuir air gach taobh
    - seann eolaich
    - iad lag a'gaireachdainn
    - cuideigin a'tilgeil cushion air fear air an sgioba eile.

    2:
    seann chlosach de chreutair a'bruidhinn mu chroitearachd

    3:
    te a th'air a bbhi air an telebhisean bho linn nan con a'bruidhinn ri daoine aig a'mhod naiseanta.

    Everyone's a winner

    ReplyDelete