Sunday, 7 July 2019

"I demand improvements to BBC Alba" says the Gaelic language

Mar a chuala Gilleasbuig, tha a' Ghàidhlig a' cumail a-mach gu bheil i air a cuingealachadh le seirbhis TBh a tha feumach air leasachadh.





Tha e coltach gun do bhruidhinn an cànan an-àrd às dèidh don artagail seo a' nochdadh ann an duilleagan na Hootsmon bho chionn ghoirid.

Thuirt an cànan gu bheil i ag èirigh is a' gearain mu BhBC Alba.

Mar a bhiodh dùil, 's e na tha de shusbaint Beurla ga craoladh leis an t-seanail as mò a tha cur air a' chànan mhilis mhàthaireil; coma leat na h-ath-chraolaidhean.

Thuirt i cuideachd gu bheil i fada feitheamh ri crìoch nam fo-thiotalan grànta a chaidh a ghealtainn le MG Alba ann an 2016 (td. 9).

Tha MG Alba, a tha a' ruith BBC Alba, a' faighinn moladh mòr bho MG Alba anns an aithisg bhliadhnail aca, air a sgrìobhadh le MG Alba; predictably chaidh seo aithris air BBC Naidheachdan gun cheasnachadh sam bith.

Thuirt neach-labhairt an-dè: "Chomharraich BBC Alba deich bliadhnaichean de shoirbheachas an-uiridh; tha an seanail a' leantainn air a' gabhail cheumannan mòra a-staigh do linn ùr agus chan eil neach sam bith a' gearain idir, a-mach air an fheadhainn a tha".

Gilleasbuig:
BBC Alba, eh a chàirdean!
  • ma tha thu an dùil ri susbaint buidseat-mòr, bidh briseadh-dùil agad;
  • ma tha thu an dùil ri naidheachdan ròlaigidh bho mhoch gu dubh, bidh briseadh-dùil agad;
  • ach ma tha thu an dùil ri feallsanachd a chuireas Gàidhlig aig cridhe gach gnothaich, bidh briseadh-dùil agad!




@GilleAotrom