Friday, 20 December 2013

Gaelic establishment's dynamic response to census findings

 Na press-releases a b' fhèarr le Gilleasbuig ann an 2013 - Part I


Nach tig sibh co'ri Gilleasbuig còir, gus sùil a thoirt air feadhainn dhe na brathan-naidheachd a bu mhò chòrd ris thairis air a' bhliadhna?


The census results were worrying.  First off the mark, the Bòrd's press release shared our pain - er ...
“Toraidhean dòchasach don Ghàidhlig sa Chunntas-sluaigh 
Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte fhaicinn gu bheil Sgaoileadh 2 de thoraidhean Cunntas-sluaigh 2011 a’ sealltainn gu bheil an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba - 58,000* - cha mhòr air fuireach aig an aon ìre agus a bha i ann an Cunntas-sluaigh 2001. ’S e clach-mhìle chudromach a tha seo don Ghàidhlig ann an Alba, agus e a’ sealltainn nach bu chòir gabhail ris a’ bheachd gun tig crìonadh gun abhsadh air a’ chànan, agus tha e a’ sealltainn cuideachd gun gabh a’ chuibhle tionndadh ’s dòcha …”

Sunday, 8 December 2013

Gilleasbuig: 50 glorious blogs - the critics rave

Tha bliadhna an amas bhon chiad uair a-riamh a chaidh sàr-bhlogadaireachd 'Illeasbuig a chur air bhog.

We've all passed a lot of water under the bridge bhon uair sin, mar a chanas iad. 

Nach math gu bheil piseach air tighinn air cor na Gàidhlig bhon uair sin. Cha leag sinn a leas ach coimhead air an lùghdachadh de 2.2% airson fianais air mar a tha a' chànan a' fàs. Nise coma leat fèisism, coma leat planaichean còig-bliadhna. Tha fhios gum biodh cùisean gu math eadar-dhealaichte mura robh Gilleasbuig còir air na sgilean-blogaidh aige fhèin a ghleusadh.

Wednesday, 27 November 2013

It's criminal! Police Scotland's Annual Plan now available in baffling "Gaelic"

Police promise to "unleash drug provision in communities"


An t-seachdain-sa fhuair Gilleasbuig lorg air "Poileas na h-Alba: Plana Bliadhnail a' Phoileis", faicibh an seo agus 's e chòrd ris, buileach glan; bu thoil leis tarraing a thoirt air le'r cead, a luchd-leughaidh chòir.

Feuch dè tha sibh a' dèanamh dheth and no peeking at the Beurla!

Not a good start

Tuesday, 12 November 2013

'Sann mar seo tha sinn a' brosnachadh na Gàidhlig

On-line Gaels: we believe in free speech, except when we don't  

Bha Gilleasbuig mòiteil às twitterati na Gàidhlig an t-seachdain sa chaidh, agus na freagairtean measarra aca a thaobh dithis cholbhaiche Beurla san Albannach a thuirt (nach ann orra-san a bha an aghaidh!) nach eil Cànan nan Gàidheal cho buileach vibrant & thriving sin.


"… as we have seen with the Scotsman's reaction to a column by John Gibson, racism such as this is laughed off as "light-hearted" and "tongue-in-cheek"!
"Mr Reilly and his colleagues at the Scotsman might not like the fact that Gaelic is on its way back [Gilleasbuig: Eh?!] and will, I am certain, continue with their vitriol in an attempt to inform public opinion against the language".  Arthur Cormack, air facebook

Sunday, 20 October 2013

Bonn òir airson 'Illeasbuig!

One of our finest bards blogs on the "Mòd for the Twitter generation"


Most preposterous "Gaelic" press release at this year's Mòd: step forward Alasdair Allan!

“Tha àireamhan luchd-labhairt ann an coimhearsnachdan Gàidhealach agus Gallda air a bhith fàs gu cunbhallach agus tha seo na dheagh chomharra air an ùidh a th’aig daoine anns a’ chànan ..."
Beul na Fìrinne - Allan's Ministry of Truth



Friday, 11 October 2013

"an saoghal a rannsachadh gus am blàthaich ..." lèirsinn agus amasan Bun-sgoil Taobh na Pàirce

Flagship Gaelic school's thought-provoking mission statement


Tha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan mu na tha de lèirsinn a' nochdadh sa document seo, a fhuaradh an seo air 11 an Dàmhair:


"Ann an co-chomhairle le pàrantan, sgoilearan agus luchd-obrach, tha sinn air Leirsinn agus Amasan a chruthachadh airson an sgoil againn. Faodaidh sibh sùil a thoirt orra ..."

Saturday, 5 October 2013

LearnGaelic.net? Learn some punctuation, 's e bu chòir!



LearnGaelic, SMO and their innovative new approach to  punctuation in press releases


'S fhìor thoil le Gilleasbuig na dòighean ùr-nòsach seo, oir tha beàrnan eadar facail a' coimhead cho sean-fhasanta, nach eil? 



Air a thogail bhon duilleag LearnGaelic aig Facebook



Is math an obair a rinn Sabhal Mòr (neo "ant-Sabhail" mar a th' aig a' bhrath-naidheachd) agus LearnGaelic an seo.

Gilleasbuig:
"Thae na thoileachas dhomh meal anaidheachd achur air an tsàr-obaira rinn LearnGaelic agus Ant-Sabhail, a chuireas cho mòrriar storas fhacal agus athogas ar mothachaidheana thaobh etc etc"

@GilleAotrom

Sunday, 29 September 2013

Gilleasbuig modestly admits responsibility for census results

Historic moment for Gaelic as further 2.2% fall in number of speakers confirms remarkable growth of language




A rèir brath bho Chunntas-sluaigh Alba (faic td 26), tha poileasaidhean 'Illeasbuig a thaobh blogadaireachd Gàidhlig air tighinn gu buil mu dheireadh thall.


Thuirt Mgr Aotrom an-dè, air a dhòigh:

Sunday, 22 September 2013

Gilleasbuig còir a' sìneadh a-mach làimh-cuideachaidh do mhuinntir Shoillse


  • Rannsaich seo! Soillse/UHI advertise for something-or-other, but don't bother to proofread their ad


    Bha e na thlachd do 'Illeasbuig an sanas-obrach seo fhaicinn air-loidhne, agus shaoil leis gum biodh e cho math beagan cuideachadh a thoirt dhaibh a thaobh na Gàidhlig, nuair a cheadaicheadh an tìde dha:

    "Tha pròiseact Shoillse a’ cur air adhart goireas susbainteach rannsachaidh gus poileasaidh poblach fhiosrachadh a thaobh Gàidhlig na h-Alba. Tha an iomairt

Saturday, 24 August 2013

Sàr-obair 'Illeasbuig a' faighinn moladh mòr ... agus sanas-obrach na seachdaineach



Gilleasbuig Aotrom - winning hearts and minds is what he does

An t-seachdain-sa tha annas-làimhe 'Illeasbuig ri fhaicinn an seo air Bella Caledonia.

Gum meal sibh e! Ach bithibh gentle with him ...





Sùil air na pàipearan-naidheachd

Tha sàr-ionad na Gàidhlig a' sireadh cuideigineach airson ... er ... dè?

"Tha sinn a' sireadh neach le comasan aig àrd-ìre agus le eòlas farsainneann a bhith a' cur an gnìomh ro-innleachd, a' cur an sàs phoileasaidhean, a' stiùireadh luchd-obrachagus a' leasachadhis ..." and so it goes on.

Ach saoil a bheil an luchd-obrachagus ('s fhìor thoil le Gilleasbuig am facal sin) shìos ann an Eastwick Big Barn deònach a bhith air an stiùireadh? Sin a' cheist!

Friday, 9 August 2013

Educashun Scotland and their daft draft plan

"I would encourage your readers to read our draft plan, available on the Education Scotland website"
- Dr Bill Maxwell, chief executive Education Scotland, after his quango's opaquely-worded draft Gaelic language plan triggered last week's spectacular "compulsory Gaelic in every school" stushie.


Rest assured that Gilleasbuig being Gilleasbuig did just that, and here he presents some selected lowlights, for your delectation:


"The Gaelic Language Plan is part of our Corporate Plan and helps exemplify how Gaelic becomes embedded in our role, our priorities and how we intend for Gaelic Education to be part of our positive impact on Scottish education." (td 2)
Gilleasbuig: Er ... run that past me again? 

Tuesday, 23 July 2013

Monday, 8 July 2013

'Illeasbuig chòir ... (Gilleasbuig's problems page)

"Nuair a thig a-màireach, thig comhairle" - abairt as toigh le Gilleasbuig

  • ''Illeasbuig chòir
Tha caraid dhomh a' faighinn tàire a' ruith colaiste mion-chànain, oir chan eil seasamh na mion-chànain sin ach lag agus is gann gu bheil greimeachadh aice san àite. Saoil dè nì mo charaid? 
- Name & address withheld for contractual reasons

Freagairt Gh. A. :
Tha sin soirbh. Dèan thusa cinnteach

Saturday, 22 June 2013

Meal a naidheachd Alig Shalmond!

First Minister fails to convince on land reform, but wins prestigious Gilleasbuig award in process with this gem


Am prìomh mhinistear - only the finest pseudo-Gaelic
Shìos mun t-Sabhal Mhòr an t-seachdain sa chaidh, far nach tuirt e mòran mu ath-leasachadh fearainn, fhathast choisinn Mgr Salmond duais 'Illeasbuig airson "most unsayable soundbite na bliadhna"

Friday, 31 May 2013

Coilltearan is clò-bhualadairean a' coimhead air adhart ris na h-aithisgean bhliadhnail

Can the Bòrd improve on last year's outstanding effort? 


Tha Gilleasbuig còir air bhioran a' feitheamh ri aithisgean bliadhnail na bliadhna-sa.

To whet the appetite mar gum biodh, seo feadhainn eile dhe na highlights a-mach às Aithisg Bhliadhnail Bòrd na Gàidhlig 2011-2012:

"Gus crìoch a chur air a’ phròiseas a thaobh iomlanachd sgioba Luchd-obrach, chaidh latha togail-sgioba a chumail far an robh cinn-uidhe corporra agus targaidean coileanaidh air an ceangal gu dlùth ris na prìomhachasan ro-innleachdail ann am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig". (td9)
Ouch! Sounds painful ... 

Tuesday, 21 May 2013

Fòghnaidh na dh'fhòghnas (grammarian's corner na seachdaineach)

A' fàsachadh na Gàidhlig

No languages other than Gaelic were harmed in the making of this photograph


Cò às a thàinig an sluagh-ghairm coimheach seo? The Gaelic Excellence Group?

Saturday, 11 May 2013

Sabhal Mòr Ostaig ga coimeas ri Ì Chaluim Chille (a rèir muinntir na colaiste)

SMO and the art of self-effacing understatement


“Tha lèirsinn, miann-adhartais agus nuadhas air a bhith nan comharran air an t-Sabhal Mhòr thairis air na ceithir deicheadan a dh’fhalbh agus tha iad fhathast follaiseach is sinn a’ gluasad air adhart leis an ath ìre leasachaidh, cruthachadh baile ùr air fearainn ri taobh dà làrach na colaiste [faic tuilleadh mun 'leasachadh' seo - Gilleasbuig]. Tha aon dhe na làraich sin air ainmeachadh às dèidh an naoimh Caluim Cille, a rinn Eilean Idhe na lòchran oideachaidh agus soilleireachaidh iomadh linn air ais. Tha daoine [cò iad? – Gilleasbuig] a’ coimhead air an t-Sabhal Mhòr san linn seo ann an car an aon dòigh sa bhathas ri Eilean Idhe bho shean

Saturday, 4 May 2013

Unpronounceable Gaelic signage vol. XIX

soidhne air a faicinn ann am Port Rìgh

Beachd 'illeasbuig?

"SPASD! 'S fhìor thoil leam e, mòran nas fhèarr na 'SGiRPID', an dòigh Beurla" 

Thursday, 18 April 2013

Gilleasbuig agus na Creative Industries vol. II

Rinn guest correspondent na seachdaineach, "Concerned Uibhisteach", an dàn seo:

"Cudromach" le Concerned Uibhisteach


Cudromach,Cudromach, tha h-uile nì cho cudromach
’Sa mhadainn 's anns  an fheasgair, air Rèidio nan Gàidheal.
Gach fear is tè cho cinnteach, 's cho barralach na'n dòigh 
'S 'ad 'toirt fianais air a Ghàidhlig,'s i cho Cudromach na'n glòir!


Ach coma leibh'sa  a' bhi g' èisteachd ri sgioba microphones,

Sunday, 14 April 2013

Gilleasbuig salutes the achievements of Soillse

Neach-rannsachaidh Gilleasbuig a' rannsachadh na tha de rannsachadh a rannsaich a-mach Soillse gu ruige seo

Chaidh pròiseact Soillse a chur air bhog ann an 2009.

Stiùiriche a' phròiseact Rob Dunbar:
"Bha dà rud mòr san amharc an toiseach: a' togail comasan-rannsachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd gu h-àraid, agus lìonra luchd-rannsachaidh a chur air chois a' gabhail a-steach luchd-rannsachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus oilthighean eile ... a bharrachd air an rannsachadh fhèin, bhathas an dùil gum bithear a' togail comasan rannsachaidh cuideachd. Ged a tha rannsachadh air a bhith againn thairis air na bliadhnaichean a thaobh phoileasaidhean Gàidhlig agus rudan ceangailte ri sòisio-chànanachas, bhathas dhen bheachd nach robh lìonraidhean gu leòr ann de luchd-rannsachaidh, agus nach robh luchd-rannsachaidh gu leòr ann ..."

Toraidhean rannsachadh luchd-rannsachaidh Shoillse bhon uair sin, a rèir an làraich aca fhèin:

2010: Er, moving right along ...

Sunday, 31 March 2013

Gilleasbuig agus leasachadh buneagair (don’t ask)


An t-seachdain-sa tha ar n-aithrisear Màiri Seimpleir air ais, a’ toirt sùil air a’ cheist sin a th’ air aire mòran: leasachadh buneagair (le cuideachadh bho Ro-innleachd Nàiseanta na h-Ealain Gàidhlig, td10!)

Sin thu fhèin a Mhàiri …


Leasachadh buneagair le M. Seimpleir
Tha a’ bhuneagar ùr chultarach Ghàidhlig a th’ air nochdadh beag air bheag air seirbheisean blogaidh ùra a thoirt

Friday, 15 March 2013

Isn't Gaelic signage simply wonderful? - revisited

Bha Gilleasbuig còir a-mach air chuairt bho chionn ghoirid:


Glè mhath - ach am faodadh e bhith gu bheil iad a' ciallachadh Àrd Mhàsair?

Sunday, 10 March 2013

Beagan Aotromachd

Ro-radh 

Ann am com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig agus a' Bhuidheann Gàidhlig airson Sàr-mhathais, tha e na thoileachas do Ghilleasbuig toirt seachad uinneag gun phrìs air saoghal nach ruigear tro bhlog sam bith eile.    



Bidh a' blog seo :



  • a’ tabhann fiosrachaidh mu eisimpleirean de dheagh chleachdadh agus modhan-obrach bho air feadh saoghal na sàr-amaideachd. 
  • a’ sònrachadh raointean airson leasachadh, gu h-àraidh iadsan aig a bheil comas air cur ris an amas a thaobh

Monday, 25 February 2013

The wit and wisdom of the Gaelic Excellence Group



The Gaelic Excellence Group - "a’ tabhann fiosrachaidh mu eisimpleirean dhen deagh chleachdadh agus a' cruthachadh faireachdainn de dhealas" ... it's what they do

An t-seachdain-sa bha Gilleasbuig a' leughadh aithisg le:

Buidheann Sàr-mhathais Ghàidhlig a' Churraicealaim airson Sàr-mhathais
agus chòrd e ris glan. Seo cuid dhe na 'highlights' a bu mhò chòrd ris:


Ro-ràdh 
Chaidh dleastanas a chur air a’ Bhuidheann Sàr-mhathais Ghàidhlig mothachadh a thogail air cudromachd cànain thar gach raon cuspaireil / curraicealach

Wednesday, 20 February 2013

Historic praise for Gilleasbuig

Amadan glic an Eilein Sgitheanaich 

'S e eilean briagh th'anns an Eilean Sgitheanach. Tha aig gnàth-mhuinntir an eilein mothachadh geur air son fearas-chuideachd. Bha an t-eilean iomraiteach air son daoine ainmeil. Bha fear diubh - Gilleasbuig Aotrom - aig nach robh àite còmhnaidh suidhichte, ach a bha dol bho àite gu àite, anns an eilean. Ged nach robh a chiall uile aige, bha e glè thapaidh, 's fhuair e biadh, 's airgead le thapachd.

- Iain Tormod Domhnallach, "Sgeulachdan mu Ghilleasbuig Aotrom"


Cha robh cearn no baile de'n dùthaich anns nach robh

Sunday, 17 February 2013

Gilleasbuig agus na cuspairean ro-innleachdail

Whatever happened to ... the first National Plan for Gaelic?


Tha e gu bhith bliadhna an amas bho chaidh an darna Plàna Gàidhlig Nàiseanta chur air bhog le moladh mòr:

Tha am Plana ùr seo a' moladh cheumannan bunasach ach comasach an coileanadh gus cuideachadh leis a' Ghàidhlig a chumail suas sna bliadhnaichean a tha romhainn ...
Tha amasan Bòrd na Gàidhlig  a-nis soilleir airson na bliadhnaichean romhainn  agus tha mi misneachail tron phlana seo gun urrainn dhaibh gluasad gu seasmhachd don chànan an Alba.
- Dr Alasdair Allan,  Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan Alba



Tha Bòrd na Gàidhlig dealasach a thaobh làn-aire a thoirt do thrusadh, gleidheadh,

Friday, 8 February 2013

Baker Prize: Coma leat 'illeasbuig, better luck next year

Am-bliadhna cha robh sàr-bhàrdachd 'illeasbuig àraidh air urram

Ochan ochan, cha robh bàrdachd 'illeasbuig ga meas àraidh air Baker Prize an Eilein Sgitheanaich am-bliadhna.

Às dèidh sin is na dhèidh, b'fhèarr leis na britheamhan gun duais Gàidhlig a thoirt seachad idir. Tha e coltach nach robh na farpaisich air am meas math gu leòr.

'Sann le Rody Gorman is Meg Bateman, na britheamhan, as fhèarr fhios.

Co-dhiù seo agaibh cothrom eile air fear dhe na h-oidhirpean neo-soirbhicheil aig Gilleasbuig fhaicinn:

Sunday, 3 February 2013

Gàidhlig 'high register' - just can't get enough? Leugh annas-làimhe 'illeasbuig ma tha!



Hiya chàirdean, cha chreid mi nach eil an saoghal gu lèir a-nise deiseil airson ...



Dìlseachd, Lughad agus Saor-thoileachas: moladh airson iomairt Gàidhlig a dh’fhaodadh obrachadh

(An clò an toiseach ann an "Cleachdadh na Gàidhlig", deas. Cox & Armstrong, 2011. 
Le cead Clò Ostaig)

Ro-ràdh

Tha còig bliadhna fichead bho rinneadh prìomh bhuidheann co-òrdachadh leasachadh na Gàidhlig de Chomunn na Gàidhlig.
A dh’aindeoin a h-uile iomairt a bha ann bhon uair sin gus an cànan a leasachadh, tha a’ Ghàidhlig a’ dol a dholaidh, mar a dhearbh an cunntas-sluaigh mu dheireadh ...
faic an còrr (aon dusan duilleag, tha eagal orm)

Gilleasbuig Aotrom is proud to be banned from Iomairtean Gàidhlig, "open" facebook group for "naidheachdan agus beachdan mu iomairt na Gàidhlig" (as long as the beachdan are not critical of the Gaelic establishment)


@GilleAotrom


Sunday, 27 January 2013

Gàidhlig an Earra-Ghàidheal: vibrant and forward-looking?

Bha Gilleasbuig shìos an Earra-Ghàidheal airson treiseag, air ceann a chosnaidh.


Bha e air a bheò-ghlacadh leis na chunnaic e dh' ainmean Gàidhlig sa h-uile sgìre dhan rachadh e:

Thursday, 17 January 2013

High praise heaped on Gilleasbuig

Tha moladh mòr aig a h-uile duine air blog 'illeasbuig :


 s e duine searbh gun smuain bhrosnachail na cheann a tha seo.  
- Eoghan Stewart  @eoghanofficial


  clamhan loch treig more like

Monday, 14 January 2013

Celtic Connections - "Sreath Òraidean Poblach UHI Ar n-Aoigh" (no, I don't know what it means either)

UHI guest lectures at Celtic Connections: another great leap for personkind



 Nithean bho phrògram Celtic Connections, le taing don chorrespondent againn Màiri Seimpleir:

"Is e fòcas òraidean Ar n-Aoigh na bliadhna-sa àite na Gàidhlig ann am beatha an latha an-diugh. Tha an t-Oilthigh ag aithneachadh gur e nì deatamach a th' anns a' Ghàidhlig agus anns a' chultar a tha co-cheangailte rithe ann an saoghal cultarail, dualchas is fèin-aithne nàiseanta na h-Alba".
Aidh, nae doot, nae doot; joost da wye o't (Gilleasbuig a' dèanamh Shetlandic).

Sunday, 6 January 2013

Kilbeg Highland Village: Gaelic never part of their remit

 

3 millean not airson - dè?

Iconic? Wonderful news for Skye?

"Sabhal Mòr Ostaig makes an important contribution to the area beyond its obvious tuition and promotion of Gaelic. This funding will help create new opportunities for the college and secure its future and to extend its education, cultural and economic role ..."
- Alasdair Allan


"This is wonderful news for Sabhal Mòr Ostaig, and indeed for Skye, and we are