Saturday, 28 February 2015

Làrach-lìn BBC Alba - no languages other than Gaelic were harmed

BBC Alba: Your language is of so little importance, we can't even be bothered to spell it correctly on our website



Tha seachdain fada, riaslach, air a bhith aig Gilleasbuig bochd, agus 's ann aig amannan mar seo as toil leis beagan fois a ghabhail, agus roghainn dhe na howlers as mò air làrach-lìn BBC Alba a thoirt thugaibh.








Lauren Smyth is ... what?!
Gheibh am prògram-sa breab na broige [sic] mòir bho 'Illeasbuig


















"Lisdoonvarna - when love comes to town"
Derek 'Pluto' Moireach visits "Eirinn", sic, accompanied by an impressive
range of typos but unfortunately forgets to pack any spare grave accents





Who is this "I" of whom you speak? Eilean Ì? Rastafarian I & I??




Ach seo, is dòcha, a' howler as mò ...





Gilleasbuig:
Did you spot it? "BBC Alba" and "news" in the same sentence??

Tuesday, 24 February 2015

Clach-mhìle eile ann an "leasachadh" na Gàidhlig - £1.1M air chall an turas-sa

Nach math an obair a tha am Bòrd a' dèanamh, improbably says Gilleasbuig agus e a-mach air Ulpan a-rithist


Aidh a chàirdean, nach math an obair a tha Bòrd na Gàidhlig a’ dèanamh na làithean-sa, a’ tionndachadh chòrnairean agus a’ comharrachadh chlachan-mìle.

Tha Gilleasbuig dhen a’ bheachd gu bheil am Bòrd gu seachd àraid àraidh air urram airson an dòigh ’san do bhrosnaich iad sgeama Ùlpain. Mar a tha cuimhn’ againn uile chaidh an cùrsa iomraiteach seo chur air bonn leis a’ Bhòrd mu 2005/6 am measg brathan-naidheachd nach robh gann, agus ged a bha feadhainn nar measg caran teagmhach an toiseach, bha am meadhan-ionnsachaidh cànain soirbheachail seo a-riamh “a’ stèidheachadh slighe shoilleir adhartais” mar a thuirt Aithisg Bhliadhnail a’ Bhùird ann an 2007, agus mòran ga mholadh: