Thursday, 29 September 2016

FilmG - siud na fiolmaichean beaga nach fhaicear air BBC Alba gu bràth


MG Alba: tha fiolmaichean beaga FilmG air na h-ùrlaran ceart, am falach far a bheil iad

A chàirdean, an robh ceist oirbh a-riamh mu ghainnead fiolmaichean goirid FilmG air BBC Alba? Bha agus air Gilleasbuig cuideachd, so chuir e am post-dealain a leanas a dh' ionnsaigh MG Alba:


16mh Lùnasdal  

A chàirdean chòire 
 Tha sibh a’ dèanamh mòran, anns an aithisg bhliadhnail agaibh, dhen a’ cho-fharpais FilmG, agus a’ cumail a-mach gur h-i a’ cho-fharpais seo “na phrìomh phàirt dhe ar n-obair” agus gur h-e “FilmG ar prìomh iomairt airson daoine òga a bhrosnachadh com-pàirt a ghabhail sna meadhanan Gàidhlig gus stuthan UGC [user generated content] a bhrosnachadh”.

Cuin a thèid, ma tha, feadhainn dhe na fiolmaichean goirid sin a chraobh-sgaoileadh air BBC Alba?Ann an 2013, ann an “Impact Assessment Report” a rinneadh mu FilmG leis an neach a tha a-nise na ceannard do Bhòrd na Gàidhlig, mhol i: “More mainstream screening of films – using the channel as a platform for films and competition”. Ged-tà, cha do thachair sin. Mas math mo chuimhne, cha deach gin de na fiolmaichean a chraobh-sgaoileadh a-riamh leis an t-sianal. ’S iongantach ma chunnaic còrr is fìor chorra dhaoine gach fiolm. 
Tha sin caran neònach, gu h-àraidh leis na tha siud de ghearanan a’ dol mu na tha de ath-chraolaidhean agus de phrògraman Beurla air BBC Alba. Carson nach eil “a’ phrìomh iomairt” seo ga cur gu feum, fiù ’s airson fillers bheaga?An e nàdar de phoileasaidh a th’ agaibh aig MG Alba gun a bhith toirt platform idir do na fiolmaichean beaga seo? Ma ’s e, carson?


Cha robh ach mìos ri feitheamh, gus an grad-thàinig am freagairt:



A Nèill chòir  
Ceud taing airson ur teachdaireachd mu FilmG.  Gabh ar leisgeul nach deach a’ chiad teachdaireachd agaibh fhaicinn, is gun robh dàil ann gar freagart.  
Gun teagamh, tha FilmG na phrìomhachas dhuinn. ’S e iomairt a th’ ann airson a bhith ag àrach thàlant, ach cuideachd, agus ’s dòcha nas cudromaiche buileach, airson a bhith a’ misneachadh òigridh gu bhith a’ cleachdadh Gàidhlig anns na meadhanan didseatach. Tha sinn air mòran a ràdh mun seo nar Lèirsinn, agus stiùirinn sibh gu t.d. 35, agus am Pàipear-taic co-cheangailte ris, air t.d 52-54.  A bharrachd air na puingean an sin, tha e cudromach cuideachd gu bheil saorsa aig daoine a bhith a’ cruthachadh stuth nach eil air a chuingealachadh a thaobh uallaichean telebhisein.  ’S e iomairt leasachaidh a th’ ann an FilmG, seach iomairt airson prògraman a dhèanamh airson BBC ALBA.  
Tha e cuideachd feumail sùil a thoirt air cleachdaidhean luchd-amhairc, gu seach àraid luchd-amhairc òga. Chi thu barrachd mun sin air t.d. 45-47 den Lèirsinn. Tha na cleachdaidhean sin ag atharrachadh agus tha òigridh a’ coimhead nas lugha de thelebhisean. ’S e òigridh targaid FilmG agus tha e iomchaidh gu bheil àitean eile ann airson stuth lèir-chlaistinneach na Gàidhlig, a bharrachd air an t-seanail fhèin.  
Mar sin, ged a mi a’ tuigsinn do cheist a bheil gu leòr a’ faicinn stuth FilmG leis gu bheil e air-loidhne a-mhàin, tha sinn den bheachd gu bheil na diofar ùrlaran a thathas a’ cleachdadh airson stuth FilmG a sgaoileadh iomchaidh airson targaid FilmG. Tha na filmichean rim faighinn air Vimeo, Youtube agus làrach FilmG fhèin. Bidh iad air an taisbeanadh gach bliadhna aig tachartasan Blas, Fèisean ionadail, m.e. Fèis an Eilein Dhuirche, Screen Machine nuair a tha e freagarrach, agus oidhche dhuaisean FilmG fhèin (a bha air a sruthadh beò am-bliadhna airson a’ chiad uair). Chan eil sin ag ràdh nach gabh sin a mheudachadh no a dhèanamh nas fheàrr – tha sinn air a dhèanamh soilleir nar Lèirsinn gur e fear de phrìomh amasan na buidhne a bhith a’ brosnachadh barrachd chom-pàirteachas sna meadhanan didseatach - ach aig an ìre-sa tha sinn riaraichte gu bheil stuthan FilmG air na h-ùrlaran ceart airson amasan na farpais a choileanadh.  
Leig fios ma tha ceistean sam bith eile agaibh.  Gach deagh dhùrachd.  
Iseabail  
Iseabail Nic an t-Sagairt/Iseabail MactaggartStiùiriche Leasachaidh is Co-bhanntachdan/Director of Development and PartnershipMG ALBAZone 2.11BBC Scotland40 Pacific QuayGlasgowG51 1D


Gilleasbuig:
!!!

@GilleAotrom


Wednesday, 21 September 2016

The genitive case - jewel in the crown of our ancient celtic tongue

An tuiseil ginideach - uaill is moit ar cànain



A chàirdean, dh' fhaodamaid a bhith moiteil às ar cànan agus an tuiseal ginideach aice, rud a tha ga sònrachadh agus ga comharrachadh air leth bho chàich!















Gilleasbuig:
Nach math an obair a nì na daoine seo, a' taisbeanadh ar cànain ann am facebook, twitter is eile!
@GilleAotrom

Monday, 19 September 2016

Clach-mhìle, comharra-tìre, ceum mòr etc. etc. vol. XVII

An t-seachdain seo chaidh, ann an Times Education Supplement:








































Agus a' leantainn air adhart san aon artagail:


"Most parents also associate with the very vibrant and growing Gaelic cultural scene in Scotland ..."

"... through a combination of support from the government and Bòrd na Gàidhlig, innovative pathways into Gaelic teaching ... are proving successful". 


"It is my great pleasure, in this milestone year, to take the great stride of announcing that the landmark target of doubling the annual intake into P1 GME is being met ..." 



NOTE:
Chan eil Gilleasbuig ach ag innse nam breugan a thaobh fear dhe na h-extracts seo roimhe. A bheil fios is faireachdainn agaibh cò am fear, a luchd-leughaidh chòire?




@GilleAotrom

Saturday, 3 September 2016

Nach ann air na corporate Gaelic tweets a thàinig an dà latha!

Good to see that corporate Gaelic tweets have cleaned up their act ... erm!



Bidh cuimhn' agaibh, a chàirdean chòire, gun robh Gilleasbuig rud beag diombach dhe na tweetscorporra Gàidhlig bho chionn bliadhna neo timcheall, agus gun deach am meas ann an dòigh reusanta, glè constructive leis an amadan as fhèarr leis an Eilean Sgitheanach.

Tha Gilleasbuig air a dhòigh, ma thà, gu bheil na buidhnean corporra air an duslach a chrathadh dheth an cuid Gàidhlig, agus air sùim as ùr a chur anns a' chànan. Ged as e fear umhail a th' ann an Gilleasbuig, am faodadh e beagan dhen a' chreideas a mhealtainn?? Cho math ri sgioblachadh uighean Fabergé an aon-adharcaich aige, tha fhios!



Oilthigh Dhùn Èideann a' seatadh
ìrean àrda, mar a bha riamh!

















Bha aig Gilleasbuig bochd ri seo a sgrùdadh
'son ùineachan mus do thog e a bhrìgh!



That old chur v. chuir dilemma - major fail for MG Alba!




























Gilleasbuig:
Tha mi dèanamh dheth nach fhaigh mi duais Gàidhlig am-bliadhna! *



* Agus gu dearbh fhèin cha d' fhuair!




@GilleAotrom