Thursday, 12 May 2016

Gabhaibh ceum mòr a-steach do linn ùr còmhla ri Gilleasbuig!

Studies have shown that cliché-filled Gaelic press releases are making great strides  



A chàirdean chòire


Nach iomadach ceum mòr chun na h-ath ìre seachad air clach-mhìle (agus/neo comharra-tìre) agus a-steach do linn ùr a bhios a' Ghàidhlig a' gabhail na làithean-sa, a-rèir nam brathan-naidheachd as quangotastic co-dhiù.

Shaoil Gilleasbuig gum b'fhiach e cruinneachadh dhen fheadhainn as fhèarr dhiubh sin a chur ri chèile mar a thogas iad ceann, agus an toirt fa 'r comhair le 'r cead, a luchd-leughaidh chòir.