Thursday, 10 August 2017

Gàidhlig high-register - nach i tha mìorbhaileach?


Well a chàirdean, tha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan, mar a shaoileadh sibh, gu bheil a' Ghàidhlig high-register a' fàs cho uile-làthaireach.

B' fhìor thoil leis feadhainn de na h-eisimpleirean a bu mhò chòrd ris a thoirt fa 'r comhair, le 'r cead.

Airson toiseach tòiseachaidh, a chàirdean, saoil an toireamaid sùil còmhla air sàr obair Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba?

Mar a tha fios againn uile, 's ann aig sàr-eòlaichean fiosrach an taighe-tasgaidh as fhèarr fhios mu dol-a-mach nan Seumasach 1688-1746 agus air sàilleabh sin, dh' fhàg iad a' Ghàidhlig a-mach às an taisbeanadh ionmholta aca Bonnie Prince Charlie and the Jacobites.

Dh' fhàg, agus gu dearbh fhuair iad iomadach moladh bho na Gàidheil air a shon ... erm, fhuair ... oir is math tha fhios nach robh Gàidhlig aig na Seumasaich ... erm ... (a' gluasad air adhart gu sgiobalta)

Co-dhiùbh, tha muinntir Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a-nise às dèidh tionndadh Gàidhlig de leabhar-iùil an taisbeanaidh a thoirt a-mach. Tha a' Ghàidhlig high-register a' tòiseachadh air an duilleag-aghaidh agus tha Gilleasbuig air a dhòigh leis a chionn, coltach ri Bòrd na Gàidhlig, tha na daoine chòire seo a' fàgail soraidh slàn leis an tuiseil ginideach -


Còmhdach leabhar-iùil, "Am Prionnsa Teàrlach 
agus na Seumasaich anns a' Ghàidhlig againn fhìn"




Gilleasbuig:
Mo bheannachd air na daoine seo, sàr-eòlaichean a h-uile gin aca, a rinn fàbhar nach beag do mhuinntir na Gàidhlig! Cò aca tha feum air tuiseil ginideach na mallachd! Bhitheadh na Seumasaich fhèin air an dòigh ghlan, erm, nan robh Gàidhlig air a bhith aca riamh. Dìreach bhàighbrant!



Tionndamaid an uair sin, mar a shaoileadh sibh a chàirdean, a dh' ionnsaigh MG Alba, oir tha sàr sgoilearachd aca ri gabhail ann an - well - rudeigineach (dìreach dè, chan eil Gilleasbuig cinnteach às fhathast).

Tha Gilleasbuig air a bheò-ghlacadh leis an annas-làimh seo de shanas agus shaoil leis gur math as t-fhiach làn urram a thoirt dha mar bu chòir. 'San dol-seachad, tha peann dearg 'Illeasbuig às dèidh rud beag - dìreach rud beag a chàirdean! - làimh-cuideachaidh a thoirt do MG Alba a thaobh nithean beaga an-siud 's an-seo a ghabhadh a chur ann an dòigh a thuigte na b' fhèarr, 's dòch', ann an Eilean a' Cheò:

"Tha MG Alba agus Bòrd na Gàidhlig air a thighinn còmhla le Sgoil Ion-shamhlachaidh is Lèir-choltachaidh (SimVis) aig Sgoil Ealain Ghlaschu gus sgoilearachd ùr "LearnGaelic" a thairgse, chaidh fhoillseachadh an-diugh, Dimàirt 4 Iuchar 2017. Tha an sgoilearachd seo ga cur air adhart mar phàirt de dhealas ùr a bhith a' leasachadh ghoireasan eadar-ghnìomhach ... " a.m.s.a.a.


Gilleasbuig:
Nise, leanaibh sin a chàirdean! 





An tuilleadh leughaidh ... molaidhean 'Illeasbuig

Agus sibhse a chàirdean, nach d' fhuair gu leòr dhen a' Ghàidhlig as high register fhathast, stiùiridh Gilleasbuig a dh' ionnsaigh plana-cànain Leasachadh Sgilean na h-Alba sibh. Cuiridh e geall gur fìor treasure trove a gheibh sibh an-sin.





'San dealachadh ...

Cuir/cur confusion na seachdaineach

Mìle taing do MG Alba, cumaibh a' tighinn iad!






@GilleAotrom