Friday, 20 July 2018

Gilleasbuig salutes: Aithisg Bhliadhnail MG Alba

Well a chàirdean!  

Seachdain eile, aithisg bhliadhnail eile anns a bheil gliocas neo-chumanta!




Anns a' chànan aca fhèin:

"Geallaidh sinn spionnadh agus brosnachadh a thoirt tron Ghàidhlig agus tro na Meadhanan"

"Tha MG Alba agus an luchd-obrach air fad air obrachadh gu cruaidh sa bhliadhna a dh' fhalbh gus dèanamh cinnteach gun tèid leantainn air adhart a' craoladh raon farsaing de phrògraman aig àrd ìre ann an Gàidhlig air BBC ALBA." 
- Teachaireachd [sic] a' chathraiche



"Tha mar a tha susbaint BBC ALBA a' còrdadh ri daoine a [sic] leantainn air a' fàs, mar a tha ìre mothachaidh nàiseanta na seanail"


Teachaireachd 'Illeasbuig: 
Siuthad, canaibh "bhàighbrant", tha fhios agaibh gu bheil sibh ga mhiannachadh!



A' tionndadh gu naidheachdan eile:


  • Ceum mòr 'son beathaichean-mairt, agus tè aca a' dèanamh cruinn-leum seachad air a' ghealach!


  • Linn ùr airson nan con bige nach sguir a ghaireachdainn!


  • Clach-mhìle àraid airson acfhuinn-bhùird bhon a dh' fhalbh an truinnsear leis an spàin!





@GilleAotrom

Sunday, 29 April 2018

Gilleasbuig: Cha chan mi càil mus can mi "I am outraged"

The real enemies of Gaelic revival


Well a chàirdean, tha Gilleasbuig a' faireachdainn an tìde fada bhon turas mu dheireadh a choinnich sinn!

Abair fhèin gu bheil an t-eadar-lìon air a bhith a' chuir [lachan gàire] thairis le connspaid bho chionn ghoirid; tha feadhainn agus cop m'am beul mun a' Ghàidhlig - gun ghuth a thoirt idir, a chàirdean, air luchd na Beurla!!! [Ducks hastily]

Shaoil Gilleasbuig còir gum biodh e math mionaid fois a ghabhail dhen deasbad, ann an cuideachd nan tweets corparra as fhèarr leinn uile. Tha Gilleasbuig air a bheò-ghlacadh leotha! ('S dòcha nach robh fhios agaibh air sin).

Seo, ma tha, update a thaobh "cur, cuir air neo a' chuir" - sin agaibh an gibht a tha sìor thoirt seachad!




Am Bòrd air a dheagh represented am measg
nan tweets as fhèarr, mar a bha riamh




















Tweet na mìos 'son a' Ghearrain a tha seo


























Gilleasbuig:
Ceud mìle taing don fheadhainn a chumas na tweets corparra rinn! Tha Gilleasbuig fada nur comain!

Agus 'san dealachadh, le 'r cead a chàirdean, coma leibh glaoic a' mhì-rùin, oir am faodadh e bhith gu bheil am fìor luchd-millidh nas fhaisge air làimh?

Hint ...
Not sounding like a plan

Am plana mòr ga dheasbad ann an
seòmar loma-làn, erm, na Pàrlamaid


Bhàighbrant!





@GilleAotrom



Sunday, 4 February 2018

Sreath ùr airson 2018: a year in corporate Gaelic tweets

Gilleasbuig begins a new series, and finishes some old ones



Tweet corporra na mìos, àireamh a h-aon: am faoilteach







Meal a naidheachd oirbh, a mhuinntir Pàrlamaid na h-Alba!

Chun na h-ath mhìos, eh a chàirdean!



@GilleAotrom

Sunday, 14 January 2018

Iomcheist mu chur/cuir - tha sin cho an-uirigh!

Gilleasbuig and the difference that satire makes ... erm!



Na tweets chorporra Gàidhlig a tha siud, eh, a chàirdean!!

Nach ann orrasan a thàinig an dà latha o chionn ghoirid!!! 'S gann gu bheil guth air howlers, mo thogair double genitives!

Tha sin a-rèir, tha Gilleasbuig deimhinne às, an sàr-obair a rinn e fhèin sìos tro na linntean, ag iomairt an aghaidh na tha siud dhen iomcheist mu, mar eisimpleir, chur/chuir, gun luaidh air a' chuir, a bhiodh bitheanta, aig aon àm, am measg na feadhna quangocratic.

An tug sibh an aire a-riamh, a chàirdean, don diofar mhòr a rinn obair 'Illeasbuig 'san raon seo??