Saturday, 11 August 2018

Caismeachd AUOB 'son neo-eisimeileachd: cha robh 'cudromach' gu leòr 'son BBC Alba

BBC Naidheachdan Gàidhlig looked away  


Sin sibh fhèin a chàirden! Nach ann aig Gilleasbuig a' chorrag air a' bhuille-chuisle! Oir an-diugh tha e dol a chur às a chorp mu rud a' bh' ann o chionn cola-deug: caismeachd 'son neo-eisimeileachd ann an Inbhir Nis.

Chaidh Gilleasbuig agus an cuilean a-null, abair fhèin gu robh e aibhiseach.

Bha e mòr - 




Bha e "posataibh" mar a chanas iad 'sa Ghàighlig chorparra:




Ge-tà cha robh guth ma dhèidhinn air @bbcnaidheachdan An Là; ga choimhead, shaoileadh neach nach robh e ann a-riamh!

Nise, tha Gilleasbuig deimhinne às nach robh ann ach momentary lapse beag, oir tha fhios gur fìor luchd-naidheachd urramaichte a th' anns an sgioba-naidheachd, nach eil a' dol le taobh seach taobh.

Gilleasbuig:
An ath thuras, an innseadh cuideigineach dhaibh gu bheil a leithid a rud a' dol air an stairsneach aca fhèin??

Sgioba-naidheachd urramaichte "an Là"


Cuideachd an seachdain-sa:



Gilleasbuig:
Nach math gu bheil na daoine chòir seo a' riochdachadh na Gàidhlig a thaobh chùisean "litarary"! Mo mheal a naidheachd orra 'son 50 bliadhna dheth! Air mo dhòigh!



@GilleAotrom