Saturday, 3 November 2018

Tha sinn uile feumach air beagan misneachd aig amannan

Buidheann ùr a' togail ceann aig a' Mhòd  



Chaidh dùbhlan a thoirt fa chomhair prìomh bhuidheann na Gàidhlig, Misneachd Alba, agus am Plana Radaigeach aca airson a' chànain

Tha buidheann ùr air nochdadh fon ainm "Bòrd na Gàidhlig" agus plana aca fhèin, Am Plana nach eil radaigeach idir airson na Gàidhlig, 2018-23.


Rinn a' bhuidheann ùr "Bòrd na Gàidhlig"
tòrr rannsachaidh a thaobh a' Phlana aca

Thuirt neach-labhairt às leth na buidhn' ùire: 
"Nar bharail-sa tha am Plana Radaigeach aig Misneachd a' dèanamh cus dheth Aithisg Shiaboist, aithisg a chaidh a sguabadh fon a' bhrat-ùrlar gu sgiobalta ann an 2011 agus cha robh còir a dùsgadh, oir chaidh na leasanan sin ionnsachadh agus tha an t-àm ann gluasad air adhart. Coimhead sibhse air na nithean posataibh, oir tha tòrr a' dol leithid ... thà ... (a' leughadh nan notaichean ann an cabhag) ... làrach-lìn glè shnog a chaidh a chur air dòigh ann an Siab ... thall an-sin, làrach a chaidh ùrachadh tric is minig - well, 2014 co-dhiù agus tha seo a' sealltainn, mar a thuirt mi gu bheil tòrr a' dol ann an sin".
Lean an neach-labhairt air: 
"Tha muinntir Misneachd air a bhith gu math dòigheil rinn agus easgaidh cluinntinn na th' againn ri ràdh. Tha nithean math anns a' Phlana Radaigeach aca, nithean a ghabhas a sguabadh air falbh gus nach atharraich heut ann an saoghal na Gàidhlig agus tha sinne aig "Bòrd na Gàidhlig" deimhinne às gun dèanar, le beagan conaltraidh eadarainn, brochan tana dhen Phlana Radaigeach aca".

Tha am Bòrd an dùil
lìonra sòisealta a chur air dòigh.



Gilleasbuig:
Cha chan mi càil mus can mi "Aithisg Shiaboist" ... OMG DH'AINMICH MI AITHISG SHIABOIST !!! 




@GilleAotrom