Sunday, 23 December 2018

Na tweetichean corporra - sin agaibh an gibht Nollaige a tha sìor thoirt seachad!

Or, how Gilleasbuig learned to stop worrying and love corporate #Gàidhlig tweets! 




Oh 's fhada, cus ro fhada a chàirdean, bho nach tug sinn sùil aotrom còmhla ri chèile air na tweetichean as fhèarr leinn uile!

Tha Gilleasbuig às dèidh ùineachan is ùineachan a *chuir* seachad às ur leth, tuigidh sibh, na leanas a thoirt ri chèile. Bidh fàilte ron a h-uile duine ann! - mar a thweetas iad 'sa chànan aca fhèin. 

Thug e fada an fheadhainn aig fìor àrd ìre a chriathradh dhuibh. Ach co-dhiùbh, nach dèanamaid catch-up; seo iad an guaillibh a chèile, ann an òrdugh mar a nochd iad ... in case you missed it!

Sunday, 9 December 2018

Foghlam meadhain-Gàidhlig: amazing growth despite static numbers


- Tè de na "builean" (outcomes) air a gealltainn le Bòrd na Gàidhlig ann an 2012:


"Àrdachadh gach bliadhna san àireamh
a’ dol gu foghlam tro mheadhan
na Gàidhlig (FTG), a’ dùblachadh
na h-àireimh bhliadhnail a tha a’ tòiseachadh an-dràsta gu 800 ann an 2017".




Fàgaidh Gilleasbuig seo agaibh a chàirdean ... 


Sgoilearan Gàidhlig a' dol a-steach gu Primary 1 gach bliadhna bhon uair sin
(tha Gilleasbuig fada an comain Achd Saorsa an Fhiosrachaidh):



2012-13: 428