Thursday, 28 February 2019

Iomcheist mu chur/chuir - tha sin cho an-uirigh!

Gilleasbuig and the difference that satire makes. Erm!


Na tweets chorporra Gàidhlig a tha siud, Eh, a chàirdean!!
Nach ann orrasan a thàinig an dà latha o chionn ghoirid. ‘S gann gu bheil guth air Howlers, mo thogair Double genitives!
Tha sin a-rèir, tha Gilleasbuig deimhinne às, an sàr-obair a rinn e fhèin sìos tro na linntean, ag iomairt an aghaidh na tha siud dhen iomcheist mu, mar eisimpleir, Chur/chuir, gun luaidh air A’ chuir, a bhiodh bitheanta, aig aon àm, am measg na feadhna Quangocratic.
An tug sibh an aire a-riamh, a chàirdean, don diofar mhòr a rinn obair ‘Illeasbuig 'san raon seo??

Sunday, 10 February 2019

Nicola Sturgeon - Is Ise Gàidhlig! (it says here)

Well a chàirdean!

'S e mìos glè glè thraing a bh' anns an Fhaoilleach do Bhòrd na Gàidhlig. Rinneadh tòrr mòr obrach air sàillibh na h-iomairt as ùire aca, agus gu dearbha fhèin bha a buil ri faicinn ann an sreath de dhealbhan snoga air twitter.


Shìos mun a' Phàrlaidh ...