Thursday, 28 March 2019

Bliadhna mhath 'son planaichean Gàidhlig, cha tuirt neach sam bith a-riamh

A chàirdean, nach cuir sibh ur tòn fodhaibh agus dèan sibh sibh fhèin còsagach tac an teine, ‘s dòcha gum bi geansaidh Nollaige oirbh agus gloinne dhen dram bhuidheach nur dòrn. Slàinte mhòr, a h-uile latha a chì is nach fhaic!
Nise, mun àm seo dhen a’ bhliadhna, tha e mar fhasan do ‘Illeasbuig beagan, erm, Cnuasachaidh a dhèanamh air uaill is moit ar cànain, sin agaibh planaichean Gàidhlig na bliadhna. Aidh, A-rithist.
Tòisicheamaid a chàirdean, le’r cead, le Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba agus “Plana Gàidhlig 2017-2022”. Sibhse a chaidh a dh’ fhaicinn taisbeanadh nan Seumasach, feuch am faic sibh a’ mhearachd a rinneadh a dh’aona-ghnothaich * .