Wednesday, 15 April 2020

Buidheachas do @ScotGovGaidhlig, cha tuirt neach sam bith a-riamh

Or: Thank you Riaghaltas na h-Alba, from the heart of my bottom


A chàirdean

Tha leisgeul 'Illeasbuig ri ghabhail oir is fhada bho nach do chuir e corrag ri meur-chlàir. Tha fhios gu bheil e gu math doirbh 'sna h'amannan dùbhlanach [osna] seo a bhith an dà chuid nad iuchair-obraiche AGUS nad ghoireas earbsach a thaobh a h-uile càil as doilleir ann an saoghal na Gàidhlig!

Cò-dhiù, [adopts sanctimonious corporate twitter-like tone] 'Hugely welcome announcement from @ScotGovGaidhlig air twitter this morning'. Nise sin agad tobar-fiosrachaidh aibhiseach anns a bheil ciall neo-chumanta, a thug taic is spionnadh dhuinn uile 'san uair dorch 'sa bheil sinn beo:

Hugely welcome tweet from @ScotGovGaidhlig this morning



Bu thoil le Gilleasbuig àrd-mholadh a thoirt do na meadhanan sòisealta a tha toirt thugainn a h-uile car a chuir sgeulachd CoViD19 gu ruige seo, agus tweetichean Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba os cionn chàich m.e. am fear-sa bho 24/3/20, latha mòr an lockdown:






A chàirdean, tha e na thlachd do 'Illeasbuig, anns na tìmeannan seo, gu bheil sàr làimh Riaghaltas na h-Alba air an stiùir, ga cur an cèill dhuinn anns a' Ghàidhlig chaomh le sàr-obair @ScotGovGaidhlig -





Bu thoil leis an amadan ghlic seo a channail ri muinntir @ScotGovGaidhlig, a tha cumail nan tweetichean ri gach fear againn gun abhsadh, gun leth-bhreith:
"Ceud mìle taing, le'm uile chridhe thòn"



@GilleAotrom